A’ Chomhairle ag aontachadh mhion-atharrachaidhean don Phlana Ghàidhlig

Read this in English

Tha Comhairle na Gàidhealtachd air mion-atharrachaidhean aontachadh don Phlana Ghàidhlig aice gus barrachd co-chòrdaileachad is soilleireachd a thoirt seachad ann a bhith a’ buileachadh shoidhnichean dà-chànanach.  Thèid briathrachas atharraichte a chur gu Bòrd na Gàidhlig gus an urrainn dhaibh beachdachadh air.

Sa Chèitean 2008, b’ i a’ Chomhairle a’ chiad tè ann an Alba le plana a fhuair aonta foirmeil bho Mhinistearan na h-Alba.

Tha na h-atharrachaidhean a’ dèanamh soilleir gur ann mar chomhairle seach beachd deimhinnte a ghabhas a’ Chomhairle ri beachdan Ainmean-Àite na h-Alba (AAA), a’ bhuidheann a chaidh a chur air bhonn gus ainmean-àite Gàidhlig ceart is co-chòrdail a stèidheachadh airson soidhnichean agus cleachdadh coitcheann.

Tha a’ Chomhairle cuideachd a’ dol a chur modh air dòigh airson a bhith a’ rèiteach dheasbaidean tro Fo-Chomhairle Ainmean Gàidhlig le 10 buill (thar-phàrtaidh, le 3 buill bhon Chomataidh Ghàidhlig).

Cha tèid soidhnichean rathaid stiùireachail dà-chànanach a chur suas ach a-mhàin far a bheil ainm-àite fìor Gàidhlig ann – seach gu bheil soidhne dà-chànanach ciallach a-mhàin ma tha an dà chuid ainm Gàidhlig agus ainm ‘Beurla’ ann.

Ceadaichidh a’ Chomhairle co-chomhairle ionadail air (a) soidhnichean ainm-sràide ùra fhad’s a thathar a’ daingneachadh gun tèid soidhnichean dà-chànanach a bhrosnachadh, agus (b) air soidhnichean sràide a tha a’ dol an àite feadhainn a tha ann mar-thà, seach nach eil am Plana, mar a tha e, co-chòrdail agus bu chòir dèiligeadh riutha san aon dòigh ri soidhnichean sràide ùra.

Tha stiùireadh sònraichte a thaobh soidhnichean mar a leanas:

Soidhnichean Thogalaichean: Tha an dleastanas airson dèanamh cinnteach gu bheilear a’ buileachadh riatanasan a’ Phlana Ghàidhlig, a thaobh soidhnichean air togalaichean na Comhairle, aig Manaidsear a’ Ùaird.  Tha dealas soilleir taobh a-staigh a’ Phlana gum bi na soidhnichean seo dà-chànanach far a bheil eadar-theangachadh fìor Gàidhlig ann mar-thà.

Soidhnichean Rathaid:  Tha dleastanas aig a’ Mhanaidsear Rathaidean Sgìre agus Obraichean Coimhearsnachd iomchaidh gus dèanamh cinnteach gu bheil riatanasan a’ Phlana Ghàidhlig air am buileachadh, a thaobh soidhnichean rathaid.  Tha dealas soilleir taobh a-staigh a’ Phlana gum bi na soidhnichean seo dà-chànanach far a bheil eadar-theangachadh fìor Gàidhlig ann mar-thà.  Cha tèid soidhnichean mòr-rathaidean reachdail m.e. Give Way a dhèanamh dà-chànanach idir.

-leantainn air adhart-

Soidhnichean Sràide:  Is ann air a’ Mhanaidsear Ùaird iomchaidh a tha an dleastanas gus dèanamh cinnteach gu bheil ainmean-sràide ùra air an comharrachadh a rèir mhodhan stèidhichte.  Tha dleastanas aig a’ Mhanaidsear Ùaird airson co-chomhairle a ghabhail os làimh le Buill Ùaird aig Coinneamh Gnothachais a’ Ùaird agus, far a bheil e iomchaidh, leis a’ Chomhairle Choimhearsnachd iomchaidh.  Nuair a tha ainm-sràide ùr air aontachadh tha dleastanas aig Manaidsearan Rathaidean na Sgìre agus Obraichean na Coimhearsnachd airson dèanamh cinnteach gu bheil an soidhne air a ghabhail a-steach taobh a-staigh an Aonta Togail Rathaidean a thèid a chur gu luchd-leaschaidh.

Soidhnichean Eile:  Chan eil am Plana ga chur mar riatanas gum feum soidhnichean eile a bhith dà-chànanach agus cumaidh Manaidsearan Ùaird co-chomhairle le Buill Ùaird aig Coinneamhan Gnothachais Ùaird agus, far a bheil e freagarrach, a’ Chomhairle Choimhearsnachd iomchaidh, a thaobh mar a tha a’ Ghàidhlg air a cleachdadh air na soidhnichean seo.


-Crìoch-

13 Jul 2009