Iomairt Ceàird Eadar-nàiseanta Eadar Alba is Alba Nuadh Ri Leudachadh

Read this in English

Mar phàirt de dh’Aonta Tuigse (MOU) Chomhairle na Gàidhealtachd eadar A’ Ghàidhealtachd agus Alba Nuadh, bha Iomlaid Ceàird Chultarail ann eadar Loch Abar agus Ceap Bhreatainn eadar An Giblean is An t-Ògmhios 2008. Ri linn seo, bha neach-ealain às a’ Ghàidhealtachd ag obair còmhla ri sgoilearan ann an Ceap Bhreatainn agus thadhail neach-ealain à Ceap Bhreatainn air sgoiltean ann an Loch Abar. Tha am pròiseact a-nis ga leaudachadh fad trì seachdainean ann an Àrd-sgoil Àird nam Murchann còmhla ri Beth Legg, sàr sheudaire às a’ Ghàidhealtachd.

Tha MOU a’ toirt iomradh air raointean ùidh is co-obrachaidh san dà dhùthaich gus a’ Ghàidhlig agus a cultar a neartachadh air dà thaobh a’ chuain agus gus leasachadh cultair, foghlaim is turasachd a bhrosnachadh. 

Chuir Kelly Krawchuck, a tha an sàs ann an iomadh ceàird, a bharrachd air a bhith na h-oileanach a tha a’ sgrùdadh Gàidhlig, beul-aithris agus bith-eòlas, seachad ùine ann an Àrd-sgoil Àird nam Murchann ann an Sròn an t-Sìdhein. 

Aig an aon àm, bha Beth Legg, seudaire cho math ’s a th’ ann an Alba an-diugh, ann an Acadamaidh Dalbrae ann an Ceap Bhreatainn.

Le bhith a’ togail air soirbheachadh a’ phròiseict, fhuair Àrd-sgoil Àird nam Murchann maoineachadh bho Awards for All agus leig seo le Beth tighinn a dh’Àrd-sgoil Àird nam Murchann gus ceàrdlainn a dhèanamh còmhla ri sgoilearan thar nan trì seachdainean a tha romhainn.  

Bidh taisbeanadh dhen obair aice fhad ’s a bha i ann an Ceap Bhreatainn san Leabharlann.

Thuirt an Ceannard, Mgr Miller-Craig: “Tha sinn toilichte gun d’fhuair sinn tuilleadh maoineachaidh airson pròiseact Alba Nuadh a leudachadh. Fhuair sinne, mar sgoil, buannachd mhòr on ùine a chuir Kelly Krawchuck seachad an seo, agus bha na sgoilearan moiteil gun robh iad an sàs ann a bhith a’ taghadh agus a’ cur air dòigh obair sa chlas agus air an taobh a-muigh.  San t-seisean seo, tha sinn fortanach gu bheil Beth Legg còmhla rinn agus tha seo a’ cur gu mòr ri obair ealain sa chlas agus taobh a-muigh a’ chlas.”

Tha Pròiseact Iomlaid Alba Nuadh air a mhaoineachadh le Comhairle na Gàidhealtachd agus Awards for All.

A’ CHRÌOCH


 

18 Mar 2009