Spòrs Mòr Do Sgoilearan Tro Mheadhan Na Gàidhlig

Read this in English

Tha Comhairle na Gàidhealtachd ag obair còmhla ri Comann na Gàidhlig gus pìleat nàiseanta, Spòrs Mòr, a leasachadh do sgoilearan ann an Clas 6 ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig (FMG).

Thèid seo air adhart ann an Sruighle air 11mh is 12ra Cèitean, agus bidh e spòrsail is gun cho-fharpaisean. Bheir e cothrom do sgoilearan coinneachadh ri sgoilearan eile tro Mheadhan na Gàidhlig à sgoiltean air feadh Alba. Tha dùil gun cruinnich 80 neach òg. 

Bidh Spòrs Mòr mar phàirt dhen Churraicealam airson Sàr-mhathais agus air a mhaoineachadh le Bòrd na Gàidhlig, Comann na Gàidhlig (CnaG) is Comhairle na Gàidhealtachd le taic bho Fhèisean nan Gàidheal.

Thuirt Morag Anna NicLeòid, Oifigear Leasachaidh Gàidhlig Chomhairle na Gàidhealtachd: “Tha na gnìomhan taobh a-staigh Spòrs Mòr a’ gabhail a-steach nam prìomh raointean comasachd ann an Curraicealam airson Sàr-mhathais, mar na h-Ealain agus Mothachadh air Cultaran Cruinneil eile. Bidh an òigridh cuideachd ag ionnsachadh mun àrainneachd is mu nàdar nuair a bhios iad a-muigh. ’S e an t-amas aig Spòrs Mòr a bhith cinnteach gun coinnich òigridh ri feadhainn eile a tha air an oideachadh tro mheadhan na Gàidhlig, agus gum bi cothrom aca na sgilean cànain aca a chleachdadh ann an suidheachadh eadar-dhealaichte, agus gum bi spòrs aca fhad ’s a bhios iad ag ionnsachadh cur-seachad no spòrs ùr.”

Cruinnichidh na sgoilearan is an luchd-teagaisg madainn Diluain 11mh agus bidh iad a’ fuireach ann an Ostail Òigridh ann an Sruighle far am biadh dhaibh cuideachd. Air an oidhche bidh rudan ann gus eòlas a chur air a chèile agus ceòl an latha an-diugh.

Tòisichidh cùisean Dimàirt le Dràma Gàidhlig, Tae Kwon Do, Eòlas Àrainneachd agus Spòrs.

Thuirt Hamish Friseal, Cathraiche Comataidh Ghàidhlig Chomhairle na Gàidhealtachd: “Tha mi cho toilichte gu bheil Comhairle na Gàidhealtachd agus Comann na Gàidhlig a’ dol an sàs ann an Spòrs Mòr. Tha Plana Gàidhlig na Comhairle a’ cur cuideam air togal cànain, agus cho cudromach ’s a tha e an cànan a chleachdadh, agus gu h-àraidh còmhla ris an òigridh. Bheir pìleat nàiseanta mar Spòrs Mòr an cothrom seo dhan òigridh. Tha e math gun coinnich an òigridh bho sgìrean dùthchail air a’ Ghàidhealtachd ri òigridh à aiteachan mar Sruighle, Glaschu is Dùn Èideann agus tha mi a’ guidhe gach soirbheachadh dhaibh.”
 
Thuirt Fay NicDhiarmaid, Stiùiriche Leasachadh Òigridh Chomann na Gàidhlig: “Tha mi toilichte gu bheil cuid de sgoiltean air a ràdh mar-thà gum bi iad a’ gabhail pàirt ann an Spòrs Mòr seach gur e Dihaoine 13mh dhen Mhàrt an ceann-là airson nan tagraidhean. Gheibh an òigridh a ghabhas pàirt stuthan follaiseachaidh an asgaidh mar chuimhneachan air a’ chùis. Tha  Comann na Gàidhlig mothachail air cho cudromach ’s a tha e gum bi cothrom aig òigridh a tha a’ bruidhinn na Gàidhlig air coinneachadh ri chèile agus a’ Ghàidhlig a chleachdadh taobh a-muigh na sgoile, agus tha e cuideachd a’ toirt cothrom do bhuidhnean eile obrachadh ann an co-phàirteachas le taic ionmhais bho Bhòrd na Gàidhlig.”

CRÌOCH


 

18 Mar 2009