Ainm is Àite

Read this in English

Tha clann ann am Bun-sgoiltean Dhail Chuinnidh agus Bhaile Ùr an t-Slèibh air a bhith ag obair le ‘seanchaidhean’ ionadail sa choimhearsnachd gus ionnsachadh mu Ainmean-àite Gàidhlig.

Tha an iomairt, a chaidh a leasachadh le Comhairle na Gàidhealtachd is a tha air ainmeachadh mar Ainm is Àite – Name and Place – a’ gabhail a-steach muinntir na coimhearsnachd a’ dol a-steach don sgoil gus an cuid eòlais mun sgìre, agus gu h-àraid ainmean Gàidhlig airson àiteachan san sgìre, a cho-roinn.  Air Dihaoine 1 Cèitean, thadhail an neach-eachdraidh ionadail Caimbeul Slimon air Bun-sgoil Dhail Chuinnidh gus a chuid eòlais mu ainmean Gàidhlig nan cnoc is nan coireachan timcheall air Dail Chuinnidh a cho-roinn.

Thuirt Karen Craig, Ceannard Bun-sgoiltean Dhail Chuinnidh agus Bhaile Ùr an t-Slèibh: “Tha e sgoinneil gu bheil a’ chlann a’ faighinn an cothrom an sgìre ionadail aca agus a chuid eachdraidh a sgrùdadh tro mheadhan na Gàidhlig.  Tha sinn taingeil do bhuill na coimhearsnachd a tha a’ toirt seachad an cuid eòlais fhèin mun choimhearsnachd is mun eachdraidh aice don chloinn, agus a’ dèanamh sin tro mheadhan na Gàidhlig.”

Tron phròiseact tha a’ chlann cuideachd air a bhith ag ionnsachadh mar a chleachdas iad innealan-clàraidh didseatach agus a’ leasachadh nan sgilean agallaimh aca gus dèanamh cinnteach gu bheil am fiosrachadh a tha na seanchaidhean a’ toirt seachad air a chlàradh is air a ghleidheadh airson iomadh bliadhna ri teachd.  Cuideachd, rè a’ phròiseict bidh an neach-ealain Eòghann MacColla, ag obair leis a’ chloinn tro mheadhan na Gàidhlig is na Beurla gus obraichean-ealain, a tha air am brosnachadh le ainmean-àite Gàidhlig, a chruthachadh.

Tha deich sgoiltean eile air feadh na Gàidhealtachd an sàs sa phròiseact, gach tè ag obair le seanchaidh eadar-dhealaichte sa choimhearsnachd aca fhein.  Nuair a tha na sgoiltean air am fiosrachadh air fad a chruinneachadh thèid a chur air CD claistinneach le bileag na chois agus bidh cothrom aig a’ phoball fhaighinn tro Sheirbheis Thasglannan na Gàidhealtachd.

Chaidh am pròiseact a mhaoineachadh le Bòrd na Gàidhlig, Maoin Dualchais a’ Crannchuir agus na Co-òrdanaichean Cultarail ann am prògram Sgoiltean na h-Alba.

-crìoch-

 

5 May 2009