Ruith Spòrsail aig Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis
Tha clann bun-sgoile agus sgoil àraich a’ gabhail com-pàirt ann an Ruith Spòrsail, gus airgead a thogail, aig Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis air Dihaoine 22 Cèitean.
Tha buidheann phàrantan a’ cur an tachartais air dòigh le cuideachadh bho luchd-obrach na sgoile, Oifigear Leasachaidh Coimhearsnachd Gàidhlig Comhairle na Gàidhealtachd, Co-òrdanaiche nan Sgoiltean Gnìomhach agus saor-thoilich eile. Tha a’ bhuidheann a’ faighinn taic bho sheirbheis Ionnsachadh agus Cur-seachad Coimhearsnachd na Comhairle, a bharrachd air tabhartas de bhananathan bho Swanson’s Fruit Company ann an Inbhir Nis agus botail uisge bho ASDA. Thèid airgead a thèid a thogail bho chosgaisean inntrigidh a chur gu ruige maoin na sgoile.
Thuirt Ceannard na Sgoile (An gnìomh), Kirsteen Wells: “Tha an sgoil air fad a’ coimhead air adhart ris an Ruith Spòrsail, a tha a’ cruthachadh sùrdalachd mhòr. Chan e a-mhàin gum bi deagh eacarsaich na lùib airson na cloinne ach tha e a’ cruthachadh cothrom airson obair sgioba am measg sgiobannan spòrs na sgoile. Bu toil leam taing a thoirt do phàrantan uile, luchd-obrach comhairle agus sponsairean airson an taic.”
Bidh ‘blàthachadh’ ann mus toiseach an ruith, is tòisichidh an luchd-ruith ri fuaim na pìoba mòire.
Bidh trì ruithean ann, a’ gabhail a-steach deann-ruith timcheall pàirc na sgoile do chloinn na sgoile àraich, ruith 0.65km do chloinn P1-3, agus ruith 2km do chloinn P4-7.
Gheibh a’ chlann uile a ghabhas com-pàirt lèine-T, bonn, botal uisge agus banana, a bharrachd air a bhith a’ cosnadh puing airson sgioba-taighe na sgoile aca. Thèid duais a thoirt don sgioba-taighe leis a’ chuid as motha de chom-pàirtichean air an fheasgar.
Bidh brot agus fuinne rim faotainn às dèidh an ruith is bidh luchd-ciùil is seinneadairean òga ionadail o Fhèis na h-Òige agus Fèis a’ Bhàile a’ cluiche a’ chiùil.
-crìochnachadh-