Cultar na Gàidhlig a' comharrachadh deireadh Bliadhna Tilleadh Dhachaigh air a' Ghàidhealtachd
Iomairt nam Fèisean a' tighinn dhachaigh gu Inbhir Nis airson bliadhna an Tillidh Albannaich
Thèid cultar na Gàidhlig a chomharrachadh mar phàirt de Latha Naomh Anndra agus deireadh program an Tillidh Albannaich air a' Ghàidhealtachd.
Bidh suas ri 100 com-pàirtiche bho Iomairt nam Fèisean an-làthair aig Ceòl nam Fèis 2009, cuid bho na làithean a' dh'fhalbh 's cuid eile bhon latha an-diugh, airson consart sònraichte de dh'òrain ùra is traidiseanta, ceòl is dannsa aig Talla Eden Court ann an Cathair-bhaile na Gàidhealtachd air Dihaoine 27 Samhain.
Thuirt Art MacCarmaig, Stiùiriche Fèisean nan Gàidheal, a' bhuidheann a bhios a' cur taic ri leasachadh nam Fèisean coimhearsnachd a bhios a' teagasg nan ealan Gàidhlig air feadh Alba, "Aig an tachartas shònraichte seo chì sibh luchd-ciùil a bha aig aon àm a' gabhail pàirt anns na Fèisean, cuide ri buidhnean de dh'òigridh bho air feadh na dùthcha a tha fhathast a' gabhail pàirt san Iomairt. Thòisich an Iomairt còrr is 25 bliadhna air ais ann am Barraigh, agus tha 48 buidhnean a-nise an sàs innte, anns gach ceàrnaidh den dùthaich, bho Thiriodh gu Obar Dheathain, 's gach fear aca a' cur air adhart cultar na Gàidhlig. Tha buidhnean air a bhith ag obair gu cruaidh thairis air na mìosan a dh'fhalbh agus tha fhios gum bi oidhche air leth againn le luchd-ciùil air a bheil sinn uile eòlach agus cuid den luchd-chiùil òg as fheàrr ann an Alba.
Chuir Marie Christie, Stiùiriche Pròiseact airson an Tillidh Albannaich 2009 ri seo: "Bidh Ceòl nam Fèis an teis-meadhan tachartasan Latha Naomh Anndra agus deireadh program an Tillidh Albannaich air a' Ghàidhealtachd. Tha ceòl na h-Alba air a bhith aig cridhe gach tachartais a ghabh àite tron bhliadhna, 's mar sin tha e iomchaidh gu bheil sinn a' leigeil soraidh leis a' bhliadhna air a' Ghaidhealtachd le oidhche air leth cuide ri tàlant mìorbhaileach a tha air tighinn a-mach à Iomairt nam Fèisean.
Thuirt Neach-cathrach Comhairle na Gàidhealtachd Sandy Park, "Bheir Ceòl nam Fèis tachartasan an Tillidh Ghàidhealaich gu crìch ann an deagh stoidhle agus 's e fìor eisimpleir a th' ann den tàlant bhon àm a chaidh seachad, bhon latha an-diugh agus an tàlant a bhios againn anns an àm ri teachd. Tha mi deimhinnte gur e oidhche air leth soirbheachail a bhios ann a sheallas an obair fheumail a bhios Iomairt nam Fèisean a' dèanamh gus ceangalan dualchais a neartachadh agus sgilean an òigridh a chur air adhart".
Thuirt Ministear a’ Chultair Mìcheal Russell: “’S e latha airson moladh a h-uile rud a tha math mu dheidhinn Alba a th’ ann an latha Naoimh Anndra – a’ gabhail a-staigh ar ceòl agus cultur na Gàidhlig. Tha e iomchaidh gu bheil sinn a’ comharrachadh Bliadhna Tilleadh Dhachaidh le a bhith a’ toirt fiathachadh do luchd-ciùil nam Fèisean bho air feadh an t-saoghail thighinn dhachaigh a dh’ obair còmhla ri ar tàlant òg mar phàirt den tachartas shònraichte seo. Tha mi cinnteach gun soirbhich le Ceòl nam Fèis agus gum bi e na phàirt chudromach de phrògram na Gàidhealtachd.”
Gabhaidh an tachartas, a tha ga chur air dòigh le Fèisean nan Gàidheal ann an co-bhonn le Comhairle na Gàidhealtachd, ann an Talla na h-Ìmpireachd, Eden Court, àite aig 7.30f, Dihaoine 27 Samhain. Airson barrachd fiosrachaidh is tiocaidean nach tadhail sibh air http://www.eden-court.co.uk/whats-on/shows/ceol-nam-feis-2009-st-andrew-s-feis-homecoming# .
Crìoch