A'Chuairt Dheireannach de Dheasbad BT Alba 2009

Read this in English

’S iad clann-nighean Phort Rìgh, Anna NicMhullan agus Eilidh NicDhonnchaidh a choinnich caileagan Acadamaidh Dhrochaid an Easbaig, Heather Kindness agus Eilidh Rothach anns a’ chuairt dheireannaich de Dheasbad BT Alba na bliadhna seo aig Pàrlamaid na h-Alba ann an Dùn Èideann.  Anns an luchd-èisteachd de mu cheud neach bha Alasdair Morgan BPA, Leas-Oifigear Riaghlaidh Phàrlamaid na h-Alba. Aig a’ cheann thall ’s iad Àrd Sgoil Phort Rìgh a thàinig a-mach air thoiseach, ach ’s e farpais glè fhaisg a bha ann agus cha robh e furasta ann an dòigh sam bith do nan britheamhan.
 
Thug Mairead Màiri Mhoireach, Ceannard BBC Alba, an duais airson an Neach-labhairt as fhèarr seachad do Heather Kindness à Drochaid an Easbaig.  ’S iad na trì britheamhan Rosemary Nic a’ Bhàird, Stiùiriche Foghlaim aig Bòrd na Gàidhlig, Mata MacÌomhair, Àrd Ollamh aig Oilthigh na Gàidhealtachd ’s nan Eilean agus Ruairidh Iain MacLeòid a tha na Iar Chathraiche air Cùirt Fearainn na h-Alba agus a tha cuideachd aig Cùirt an t-Siorraidh ann an Dùn Èideann.
 
Thuirt Ailig MacDhòmhnaill, Neach-gairm Chomhairle nan Eilean Siar, a bha an làthair aig a’ Phàrlamaid: "Chòrd an oidhche rium fìor mhath agus bha farpais na bliadhna seo aig fìor àrd ìre. Tha an Deasbad a’ sealltainn an obair chruaidh a tha a’ gabhail àite nar sgoiltean, nar coimhearsnachdan agus nar dachaighean agus bu chòir seo a bhith na adhbhar mhisneachd dhuinn. Tha Deasbad BT Alba a’ dol bho neart gu neart bho bhliadhna gu bliadhna agus tha mi an dòchas gu lean seo."

Notaichean do Luchd-deasachaidh:

26 Nov 2009