Aonta ùr airson a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail sa Ghàidhealtachd
Tha an t-aonta a’ mìneachadh a’ chom-pàirteachais eadar a’ Chomhairle agus An Comunn a thaobh solar sheirbheisean leis A’ Chomunn a thaobh a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail taobh a-staigh sgìre Chomhairle na Gàidhealtachd. Is e adhbhar an aonta na seirbheisean a tha An Comunn a’ tabhann a chomharrachadh gu soilleir, cuide ri càileachd is cosgaisean an t-solair.
Bidh an dreachd aonta a’ còmhdach bho 1 Giblean 2010 gu 31 Dùbhlachd 2020 is thèid ath-bhreithneachadh foirmeil a dhèanamh air às dèidh gach Mòd Nàiseanta Rìoghail a thèid a chumail ann an sgìre Chomhairle na Gàidhealtachd ann an 2010, 2014, 2017 agus 2020.
Thèid na h-àiteachan san tèid am Mòd a chumail sa Ghàidhealtachd aontachadh eadar Comhairle na Gàidhealtachd agus An Comunn Gàidhealach.
Thuirt an Comhairliche Hamish Friseal, Cathraiche Chomataidh Gàidhlig Chomhairle na Gàidhealtachd: “Tha sinn fìor thoilichte gun deach an t-aonta seo a ruigsinn leis a’ Chomunn Ghàidhealach is tha seo a’ dearbhadh gu bheil dealas aig an dà bhuidhinn do bhith a’ comharrachadh is a’ leasachadh na Gàidhlig. Bheir am prìomh thachartas seo cothrom leantainneach don Ghàidhealtachd gus com-pàirt a ghabhail ann am farpaisean eadar-dhealaichte bho thaisbeanaidhean gu na h-ealain chruthachail. Tha sinn toilichte gu bheilear ag aithneachadh na Gàidhealtachd mar mheadhan chudromach ann an cuairt thachartasan a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail is tha sinn fìor thoilichte gun tèid am Mòd a chumail ann am bailtean na Gàidhealteachd gach 3mh bliadhna gu 2020.”
Thuirt Iain MacLeòid, Ceann-suidhe a’ Chomuinn Ghàidhealaich: “Tha An Comunn fìor thoilichte gabhail ris an taic leantainneach a tha Comhairle na Gàidhealtachd a’ toirt seachad a thaobh a bhith a’ toirt aoigheachd don Mhòd Nàiseanta Rìoghail. Tha an t-aonta a’ ruith gu 2020 is tha seo a’ toirt seasmhachd is cinnt seachad ann an aimsir ionmhasail dhoirbh.”
-crìochnachadh-