Didsiteach Gaidhlig Air Chois
Chaidh an litir gu Tessa Jowell air 5 Sultain. Chaidh leth-bhreac dhi a chuairteachadh gu buill dhen Chomataidh Thaghte agus tha an Cathraiche ag iarraidh coinneachadh ris a’ Mhinistear airson fuasgladh fhaighinn air cùisean.
Thuirt an Cathraiche, Hamish Friseal: "Ged a tha cunntas Ofcom air Programming for the Nations and Regions a’ sealltainn dealas a thaobh seanal Gàidhlig le maoineachadh dòigheil, tha uallach oirnn mun ùine a tha e a’ toirt a bhith a’ maoineachadh seirbheis dhidsiteach Ghàidhlig. Tha e riatanach gun tòisich seo a dh’aithghearr oir tha na programan Gàidhlig air seanalan ITV na h-Alba air tòiseachadh a’ sileadh às mu thràth. Mar sin, tha sluagh na Gàidhlig a’ call air programan fhad ’s a tha craoladh ag atharrachadh gu cruth didsiteach.
"Tha sinn cuideachd ag iarraidh bruidhinn mun uallach a tha air coimhearsnachdan air feadh na Gàidhealtachd gur dòcha nach bi seanal didsiotach ri fhaotainn ann an cuid de sgìrean. Tha e cudromach gun dèiligear ri ceist na h-uidheamachd a bhios a dhìth airson seanal didsiotach fhaotainn agus gum bi dòigh ann air an tèid aig daoine a tha a’ faotainn phrograman Gàidhlig an-dràsta air sin a dhèanamh san àm ri teachd gun pheanas airgid tighinn orra na lùib. Tha mi an dòchas gum faigh mi freagairt bho Rùnaire a’ Chultair."
Na bu thràithe air a’ bhliadhna, dh’fhoillsich OFCOM na bha nan rùn a thaobh craoladh Gàidhlig. San Ògmhios, thug iad cead do ITV na bha iad a’ dèanamh de phrograman roinneil a ghearradh. Thug seo cead do Bhuidheann Meadhanan na h-Alba dìreach 6 uairean a thìde de phrograman Gàidhlig a chraoladh sa bhliadhna aig uair choltach an àite 26 uairean.
Tha OFCOM ag ràdh gur e seanal didsiteach Gàidhlig an dòigh as fheàrr air luchd na Gàidhlig a fhrithealadh seach programan air na seanalan àbhaisteach. Tha iad ag aontachadh gum bu chòir seanal Gàidhlig a stèidheachadh tro cho-bhanntachd eadar am BBC agus Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig.
Thuirt an Dotair Mìcheal Foxley, Iar-neach-gairm Chomhairle na Gàidhealtachd: "Tha e follaiseach nach do chuir OFCOM suim anns an fhiosrachadh a fhuair iad bho choimhearsnachd na Gàidhlig, bhon rannsachadh aca fhèin no bho mholaidhean Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig a bhios a’ toirt cunntas do OFCOM no ann am beachdan Chomhairle na Gàidhealtachd.
"Tha e a’ dèanamh tàire air coimhearsnachd na Gàidhlig ma tha iad gu bhith gun phrograman aig uair choltach fhad ’s a thathar a’ gluasad gu telebhisean didsiteach, gu h-àraidh nuair nach eil cinnt sam bith gu bheil seanal didsiteach Gàidhlig le maoineachadh dòigheil a’ dol a thighinn gu buil. Tha sinn an dòchas gum faigh sinn freagairt dhan litir agus gun coinnich sinn ris a’ Mhinistear cho luath ’s a ghabhas."
CRÌOCH