Tro Mheadhan na Gaidhlig air Ghaidhealtachd

Dh’fhosgail a’ chiad chlas tro mheadhan na Gàidhlig ann an Sgoil a’ Mheadhain, Inbhir Nis, o chionn fichead bliadhna le deichnear sgoilearan.  A-nis, tha fichead sgoil air Ghàidhealtachd le clasaichean tro mheadhan na Gàidhlig, le còrr is mìle sgoilear, rud a tha a’ toirt dòchas às ùr do dh’ath-bheothachadh a’ chànain.  

Thèid a’ còmhdhail fhosgladh le Peadar Peacock, am Ministear airson Foghlaim is Òigridh.  Gearraidh Andy Anderson, Cathraiche Comataidh an Fhoghlaim aig Comhairle na Gàidhealtachd, agus ceathrar sgoilearan à Prìomh1 ann am Bun-sgoil Chnoc na Creige ann am Baile Dhubhthaich, cèic gus na 20 bliadhna a chomharrachadh. 

’S e cuspair na còmhdhail ciamar a ghabhas a’ Ghàidhlig a neartachadh san dachaigh agus sa choimhearsnachd.  Bidh luchd-labhairt ann bho choimhearsnachd nan Tùsanach à Sealan Nuadh agus, cuideachd, riochdairean à Èirinn, ag innse mar a tha seo ga dhèanamh sna dùthchannan acasan.  An dèidh sin, bidh riochdairean bho chaochladh bhuidhnean a’ feuchainn ri plana  ullachadh airson an aon seòrsa rud a dhèanamh air a’ Ghàidhealtachd. 

Bidh Ciorstain NicIlleChiar, neach-teagaisg tro mheadhan na Gàidhlig, cuideachd a’ labhairt.  Bha Ciorstain sa chiad chlas a thòisich ann an Sgoil a’ Mheadhain agus tha i a-nis a’ teagasg innte.  Bheir Ciorsatin seachad sealladh pearsanta air 20 bliadhna de fhoghlam tro mheadhan na Gàidhlig. 

Thuirt Anndra MacIllAnndrais, Cathraiche Comataidh Foghlaim, Cultar is Spòrs aig Comhairle na Gàidhealtachd:  “’S e foghlam tro mheadhan na Gàidhlig an dòchas as fheàrr a th’ ann airson a’ Ghàidhlig a chumail beò agus tha sin na phrìomhachas aig Comhairle na Gàidhealtachd.  Ged a tha e cudromach a bhith a’ coimhead air ais agus a’ comharrachadh fichead bliadhna de fhoghlam tro mheadhan na Gàidhlig, tha sinn cuideachd a’ coimhead romhainn.  Tha sinn an dòchas gum bi an t-àm ri teachd soirbheachail le sgoil Ghàidhlig ùr aig na h-Ìnnsean ann an Inbhir Nis rè an dara cuairt de phrogram airson sgoiltean a thogail tro cho-bhanntachd eadar na roinnean prìbheideach is poblach.  

Thuirt Hamish Friseal, Cathraiche Comataidh Thaghte na Gàidhlig aig Comhairle na Gàidhealtachd:  “Tha sinn a’ nochdadh ceannardas tro cho-bhanntachd còmhla ri buidhnean eile a tha an sàs ann an leasachadh na Gàidhlig.  Fichead bliadhna an dèidh a’ chiad chlas againn tòiseachadh ann an Sgoil a’ Mheadhain, ’s e Comhairle na Gàidhealtachd a’ chiad ùghdarras ionadail ann an Alba a dh’fhoillsich Plana Cànain is Cultair a tha a’ nochdadh gu soilleir mar a tha sinn an dùil àireamh luchd-labhairt na Gàidhlig a chumail suas agus a chur am meud air Ghàidhealtachd, agus mar a tha sinn an dùil beartas na Gàidhlig nar dualchas agus nar cultar a chomharrachadh. 

“Bha taic on cho-bhanntachd, on choimhearsnachd agus on Riaghaltas cudromach anns na choilean sinn agus tha sinn an dòchas gun lean an taic sin san àm ri teachd airson an tuilleadh daingneachaidh is leudachaidh sa chànan againn ann an sgìre Chomhairle na Gàidhealtachd.”

Bidh còrr is 100 riochdaire aig a’ chòmhdhail a’ riochdachadh 33 buidhnean.  Nam measg bidh: An Comunn Gàidhlealach, An Lòchran, BBC, Blas, Bòrd na Gàidhlig, CLI Gàidhlig,  Comann nam Pàrant, Comhairle nan Eilean Siar, Comhairle nan Sgoiltean-àraich, Comhluadar, Comunn na Gàidhlig, Fèis Rois, Fèisean nan Gàidheal, Fosglan, Gàidhlig air-loidhne, Comhairle na Gàidhealtachd is Sgoiltean na Gàidhealtachd, Gàidhealtachd 2007, Iomairt na Gàidhealtachd ’s nan Eilean, Buidheann Leasachaidh na Gàidhlig ann an Loch Abar, Ionad Gàidhlig Mhealnais, Out of Eden, Sabhal Mòr Ostaig, Scottish Childminding Association, Riaghaltas na h-Alba,  Pàrlamaid na h-Alba, SEED, Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig, Sgleog, Sradagan, Taigh Chearsabhagh, and Oilthigh Obar Dheathain.

 -crìoch-

Airson tuilleadh fiosrachaidh cuir fios gu: Dòmhnall Iain MacLeòid, Oifigear Leasachadh Càileachd (Gàidhlig), Comhairle na Gàidhealtachd fòn: (01349) 868214

 

9 May 2006