Stòr-dàta Ainmean-Àite Gàidhlig a’ dol air-loidhne
Air a chur a-mach às leth Ainmean-Àite na h-Alba – Gaelic Place-Names of Scotland
Chaidh stòr-dàta ùr air-loidhne, a bheir seachad fiosrachadh ùghdarrasach mu ainmean-àite Gàidhlig ann an goireas singilte, a chur air bhog an-diugh (19 Lùnastal 2010) aig Comataidh Ghàidhlig Chomhairle na Gàidhealtachd.
Tha an Stòr-dàta Nàiseanta de dh’Ainmean-Àite Gàidhlig a’ toirt ri chèile 10 bliadhna de rannsachadh le Ainmean-Àite na h-Alba (AÀA), an com-pàirteachas comhairleachaidh nàiseanta gus ainmean-àite Gàidhlig a rannsachadh is a stèidheachadh.
Bidh an stòr-dàta air-loidhne a’ tabhann chruthan deimhinnte a dh’fhaodas ùghdarrasan ionadail, na meadhanan, luchd-rannsachaidh, coimhearsnachdan ionadail, luchd-coiseachd is luchd-streip no duine sam bith le ùidh ann an ainmean-àite Gàidhlig, a chleachdadh. Tha fiosrachadh eachdraidheil, tùsan ionadail agus faidhlichean-fuaim gus cuideachadh le fuaimneachadh cuideachd rim faotainn san stòr-dàta.
Thuirt Bill Weston, Cathraiche Ainmean-Àite na h-Alba: “Tha sinn moiteil ainmeachadh gu bheil an Stòr-dàta a-nis ri fhaotainn gus coinneachadh ris an iarrtas fhàsmhor airson fiosrachadh ceart agus earbsach mu ainmean-àite Gàidhlig. Tha sinn fìor thaingeil airson na taic, na comhairle is a’ mhaoineachaidh bho Bhòrd na Gàidhlig, Comhairle na Gàidhealtachd, Comhairle Earra-Ghàidheil is Bhòid agus ar com-pàirtichean is ar luchd-ceannach uile a chuidich gus seo a thoirt gu buil. Tha sinn an dòchas gur e goireas oideachail ionmholta a bhios anns an stòras seo agus gum bi e air leth cudromach airson dualchas eachdraidheil, àrainneachd is cànan na h-Alba.
Bidh an Stòr-dàta Nàiseanta ri fhaotainn an-asgaidh don phoball aig www.ainmean-aite.org is bheir e seachad fiosrachadh ùghdarrasach mu ainmean-àite Gàidhlig ann an goireas singilte, cuide ris an rannsachadh a chaidh a dhèanamh air na h-ainmean sin, fiosrachadh mu leabhraichean, agus àireamh-fiosrachaidh grioda sia-figearach gus gach ainm a lorg. An-dràsta tha 1,000 inntrigeadh ann a tha a’ còmhdach àiteachan air feadh na h-Alba. Seach gu bheil obair air an stòr-dàta a’ dol air adhart fhathast leanaidh sinn air adhart a’ cur fiosrachadh is rannsachadh ris fhad ’s a bhios am pròiseact ga leasachadh. Tha faidhlichean-fuaim an cois cuid de na h-inntrigidhean gus sealltainn mar a thathar a’ fuaimneachadh an ainme is thèid cur riutha is ris an àireimh inntrigidhean san fharsaingeachd.
A’ cur fàilte air cur air bhog an Stòir-dàta thuirt Hamish Friseal, Cathraiche Chomataidh Ghàidhlig Chomhairle na Gàidhealtachd: “Tha mi fìor thoilichte gu bheil Stòr-dàta Ainmean-àite na h-Alba a-nis beò agus gu bheilear a’ cleachdadh Comataidh Ghàidhlig Chomhairle na Gàidhealtachd mar àrd-ùrlar gus a chur air bhog. Bidh e na ghoireas luachmhor do luchd-obrach Chomhairle na Gàidhealtachd a bhios ag obair ann an còmhdhail, dealbhadh is leasachadh, seirbheisean dùthchail, turasachd, leasachadh Gàidhlig agus foghlam, ach bidh e cuideachd tarraingeach don phoball choitcheann a bhios airson eadar-theangachadh deimhinnte fhaighinn de dh’ainmean-àite Gàidhlig.
Ars esan cuideachd: “Tha a’ Chomhairle air a bhith a’ toirt taic, maoineachadh is comhairle do dh’Ainmean-àite na h-Alba agus air obrachadh ann an com-pàirteachas leis gus ainmean a lìbhrigeadh airson shoidhnichean Gàidhlig bho 2003. Tha obair a’ leantainn air adhart air lìonradh prìomh shlighean na Gàidhealtachd.”
Tha an Stòr-dàta a’ coinneachadh aon de phrìomh mhion-amasan Plana Nàiseanta na Gàidhlig 2007 – 2012 aig Bòrd na Gàidhlig gus ‘stòr-dàta nàiseanta de dh’ainmean-àite Gàidhlig a rannsachadh, a leasachadh is a bhrosnachadh.’
Thuirt Art Carmaig, Cathraiche Bòrd na Gàidhlig: “Tha cur air bhog an Stòir-dàta a’ comharrachadh ìre chudromach san obair-leasachaidh gus an goireas rannsachaidh is eòlais riatanach seo a sgaoileadh. Tha goireas mòr mar seo le ùghdarras is cùl-taic bho phrìomh bhuidhnean gar toirt gu ìre eile ann a bhith a’ tuigsinn carson a tha ar n-àrainneachd air a h-ainmeachadh mar a tha i. Bidh an obair a rinneadh gu ruige seo luachmhor dha-rìribh agus tha fios agam gum bi muinntir na h-Alba fada nas fiosraiche
air sgàth sin.”
-crìoch-