A’ foillseachadh stòras eadar-lìn a ghleidheas dualchas ar dùthcha


Thig còrr is 15,000 clàraidhean-fuaim, bho eachdraidh na h-Alba, "beò" an diugh (Diardaoin 9mh Dùbhlachd) nuair theid tasglann-beoil air-loighne a chuir air bhog gu h-oifigeil. http://www.tobarandualchais.co.uk/

Tha na clàraidhean, a thàinig bho air feadh na dùthcha agus feadhainn aca còrr is ceithir fichead bliadhna a dh’aois, air an togail bho na tasglainn aig Sgoil Eòlais na h-Alba, am BBC agus Cruinneachadh Chanaigh. Thar nan còig bliadhna a dh’fhalbh, tha luchd-obrach Tobar an Dualchais air clàraidhean bho cheithir àirdean na h-Alba a chur ann an cruth didseatach agus a chatalogadh. Chaidh feadhainn de na clàraidhean a dhèanamh sna 1930an air siolandairean cèire no uèir, agus tha tòrr de na sgeulachdan is òrain ceudan a bhliadhnaichean a dh’aois. Air a ghleidheadh a-nis ann an cruth didseatach, bidh cuibhreann phrìseil de dhualchas na h-Alba taisgte is tèarainte do na ginealaich a thig às ar dèidh, agus bheir an làrach-lìn cothrom, airson a’ chiad uair, do dhaoine bho air feadh an t-saoghail air an stòras shaidhbhir de dhualchas beòil a th’ againn ann an Alba.

Thuirt Donaidh Rothach, Cathraiche a’ Phròiseict agus an neach-ciùil ainmeil gun toireadh an làrach-lìn ùr fianais bheò dhuinn air eachdraidh na h-Alba mar nach robh againn riamh roimhe:

 “Chan fhacas pròiseact dualchais didseatach cho adhartach agus lèirsinneach ri seo riamh san Roinn Eòrpa, no fiù san t-saoghal mhòr fhèin ’s dòcha. Nuair a thadhlas tu air an làrach-lìn bidh e coltach ri bhith a' bruidhinn ri daoine a bha a’ còmhradh is a’ cosnadh, agus a bha ri siubhail is ri saothair o chionn ghinealaich. Cluinnidh tu iasgairean, croitearan, luchd-siubhail, daoine a bha ag obair aig muileann no air tuathanas agus gu leòr eile agus iad a’ bruidhinn nan cànanan fhèin, co-dhiù an e Gàidhlig, Doraic, Albais a th’ ann no dualchainnt bhrèagha nan Eilean mu Thuath. Cluinnear seinneadairean Albais is Gàidhlig agus luchd-ciùil iomraiteach air an làrach-lìn, nam measg tha Jeannie Robasdan, Willie Scott, Lucy Stiùbhart, Flòraidh NicNèill agus Seonag NicCoinnich. Agus tha luchd-ciùil ainmeil eile ann mar Barbara Dickson, Dick Gaughan, Archie Fisher agus Tormod MacIllEathain. Agus chan eil anns an 15,000 clàradh ach toiseach-tòiseachaidh. Uile gu lèir, tha sinn air 11,500 uair a thìde a chur ann an cruth didseatach. Mar sin bidh barrachd is barrachd de ghuthan ur sinnsirean a’ tighinn beò air ur coimpiutair. Bhon a chaidh mi an sàs sa phròiseact seo, tha e soilleir dhomh gum feumar an t-eòlas teicnigeach, an luchd-obrach agus na comasan obrach a thug sinn còmhla a ghleidheadh feuch an dèanar feum ceart den tasglann luachmhor seo.”

Thèid an làrach-lìn fhoillseachadh gu h-oifigeil le Fiona Hyslop BPA, Ministear airson Cultar & Cùisean an Taoibh a-muigh, ann an Oilthigh Dhùn Èideann aig 1800 air Diardaoin 9 Dùbhlachd.

“Tha ar dualchas beòil air aon de an nithean bunaiteach a tha ag innse dhuinn cò sinn mar Albannaich. Tha am pròiseact seo a’ toirt dhuinn stòras farsaing de bheul-aithris is fiosrachadh prìseil ann an Gàidhlig agus Albais a bhios ag ionnsachadh do dhaoine agus do na ginealaich rin tighinn mu dhualchas agus freumhan na dùthcha. Mar sin, tha Riaghaltas na h-Alba air leth toilichte £100,000 a thoirt seachad gus cuideachadh leis an iomairt a tha gu bhith ag amas air pròiseact ùr a stèidheachadh a nì leasachadh air an uidheim ionnsachaidh ionmholta seo do gach duine aig a bheil ùidh nar dualchas.”

Chaidh cha mhòr £3m a chosg air Tobar an Dualchais, agus thàinig cha mhòr an dàrna leth dhe sin bho Mhaoin Dualchais a’ Chrannchuir. Tha Cailean MacIllEathain, Ceannard na Maoine ann an Alba den bheachd gum math as fhiach am pròiseact.

 “Le bhith briogadh air ‘cluich’ air an làrach-lìn faodaidh sinn a bhith a’ farchluais air ar sinnsirean – na draghan a bh’ aca, na rùintean aca, an dòigh-beatha a bh’ aca: tha sinn uile a’ tighinn beò tron làrach. Tha Maoin Dualchais a’ Chrannchuir air leth moiteil gun tug sinn taic don phròiseact seo. Chan e a-mhàin gu bheil e air na h-òrain, sgeulachdan is còmhraidhean sònraichte seo a ghleidheadh, ach cuideachd faodaidh sinn uile a-nis èisteachd riutha, ionnsachadh bhuapa agus gàirdeachas a dhèanamh ri meur chudromach de ar dualchas.”

Thug Comhairle na Gàidhealtachd taic-airgid dhan phròiseact cuideachd. Thuirt an Comhairliche Hamish Friseal, Neach-cathrach Comataidh na Gàidhlig aig a' Chomhairle: " 'S e goireas air leth a th' ann an Tobar an Dualchais agus bidh e na chuideachadh mòr do, a measg daoine eile, tidsearan, daoine òga, òraidichean ann an Oilthighean, oileanaich, luchd-ciùil, luchd-eachdraidh agus comain fa leth, an dà chuid san dùthaich seo agus gu h-eadar-nàiseanta. Tha e na thoileachadh mòr dhomh gu bheil Comhairle na Gàidhealtachd a' cur taic ris a' phròiseact seo agus tha e an dà chuid, ùr-ghnàthach agus misneachail, faicinn mar a tha a' Ghàidhlig, Albais agus teicneolas air an cleachdadh gus tasglann ùr agus beò a leasachadh a bhios fosgailte dhan t-saoghal air fad.

Tha taghadh anabarrach mòr de chlàraidhean ri chluinntinn air an làrach-lìn, a’ gabhail a-steach òrain nam bothan, òrain ghaoil, rannan cloinne, cumhachan, òrain le bàird baile, sgeulachdan mu na sìthichean, uirsgeul bho ar n-eachdraidh agus stòiridhean mu thaibhsean is ùruisgean. Cuideachd, cluinnear mu chleachdaidhean co-cheangailte ri breith, beatha is bàs agus dòighean-obrach bho air feadh na h-Alba.

Tha prògraman is clàraidhean bho BhBC Radio nan Gàidheal cuideachd rin cluinntinn air an làrach-lìn. Thuirt Mairead Màiri Mhoireach, Ceann Seirbheis BBC ALBA:

"Tha sinne air leth toilichte a bhith nar pàirt dhen phròiseact iomraiteach seo agus cothrom fhaighinn cur ris na th’ air de stuthan. Tro làrach-lìn Tobar an Dualchais, faodar èisteachd ri suas ri 2,000 uair a thìde de phrògraman à tasglann Gàidhlig a' BhBC bhon Mhòd gu Prògram Choinnich agus Dèanamaid Adhradh, a' fosgladh cuibhreann chudromach de thasglann a' BhBC dhan luchd-èisteachd."

Thèid an làrach-lìn fhoillseachadh aig Oilthigh Dhùn Èideann an-diugh far an deach Sgoil Eòlais na h-Alba a stèidheachadh o chionn cha mhòr trì fichead bliadhna. A rèir an Dr Mairead NicAoidh bhon Sgoil, tha an goireas eadar-lìon seo na leudachadh air leth iomchaidh den obair acasan airson na h-21mh linn:

 “Leis an làrach-lìn aig Tobar an Dualchais, tha sinn a’ gabhail ceum air leth mòr air adhart a thaobh ar rùin a bhith a’ cruinneachadh agus a’ toirt cothrom do dhaoine èisteachd ri clàran mu òrain, sgeulachdan, ceòl, cleachdaidhean, creideamhan, ainmean-àite, dualchainntean agus beul-aithris na h-Alba, an dà chuid ann an Gàidhlig agus Albais.”

Cluinnidh càirdean cuid den luchd-seinn is luchd-aithris an guthan airson a’ chiad uair o chionn bhliadhnaichean mòra, no fiù ’s airson a’ chiad uair riamh. Cha robh Donnchadh MacMhuirich ach bliadhna a dh’aois nuair a chaochail athair Alasdair, agus bha Donnchadh air a dhòigh glan nuair a fhuair e a-mach gun deach athair a chlàradh le Calum MacIllEathain bho Sgoil Eòlais na h-Alba ann an 1953 agus gum biodh e ri chluinntinn air an làrach-lìn. Mar a mhìnich Mgr MacMhuirich:

“Nuair a chuala mi na clàraidhean de m’ athair an-toiseach bha mi a’ faireachdainn uabhasach duilich mu mar nach b’ urrainn dhomh eòlas a chur air, ach aig an aon àm bha mi air leth moiteil às cho math agus a bha e air seinn. Thug na clàraidhean buaidh mhòr ormsa agus air mo theaghlach, agus tha iad air iomadh còmhradh a phiobrachadh mu m’ athair am measg a charaidean. Am measg nan òran a bha e a’ seinn bha ‘Islay Dear Islay, òran a tha an ginealach agam fhìn air dìochuimhneachadh gu ìre mhòr. Tha an gille agam Alasdair ga sheinn gu tric aig cèilidhean a-nis còmhla ris a h-uile òran eile a dh’ionnsaich e bho na clàraidhean aig a sheanair.”

-CRÌOCH-

9 Dec 2010