Còmhradh a dhìth gus leasain Ghàidhlig a leudachadh
Tha oileanaich nas adhartaiche a tha ag ionnsachadh na Gàidhlig sa Ghàidhealtachd tro Ùlpan ag innse gu bheil feum aca air barrachd taic Eadar-lìn agus seiseanan còmhraidh le structar, gus an sgilean cànain a thoirt air adhart.
Thug Daibhidh Grannd, Stiùiriche Deiseal Earranta agus Mairead Mulholland, Oifigear Ionnsachadh is Leasachadh Coimhearsnachd na Comhairle seachad am fiosrachadh do bhuill Comataidh Gàidhlig Chomhairle na Gàidhealtachd an-diugh (18 Gearran).
Tha an dòigh seo gus Gàidhlig na h-Alba a theagasg tro Ùlpan stèidhichte air a’ mhodail Chuimreach is Iosraileach, agus chaidh a leasachadh le Deiseal le taic bho Bhòrd na Gàidhlig ann an 2007.
Ann an aithisg don Chomataidh Ghàidhlig, mhìnich Mairead Mulholland na dòighean sa bheil Comhairle na Gàidhealtachd a’ toirt taic do ionnsachadh inbheach tro Ùlpan – an dàrna cuid tro sholar dìreach no tro chom-pàirtichean a’ toirt seachad nan clasaichean.
Ann an Inbhir Nis thug a’ Chomhairle seachad na clasaichean Ùlpan an toiseach san t-Sultain 2007 is tha na clasaichean seo a-nis air an ruith ann an com-pàirteachas le Colaiste Inbhir Nis airson còrr is 90 oileanach. Tha a’ Chomhairle air clasaichean eile a chur air dòigh ann an Inbhir Pheofharain, san Aghaidh Mhòr, san Eilean Sgitheanach (Port Rìgh agus san Àth Leathann). Thathar cuideachd air taic a thoirt do Iomairt Loch Abar gus oidean ùra a thrèanadh ann an Loch Abar an Iar ann an co-bhuinn ri Colaiste Loch Abair is gus clasaichean ùra a stèidheachadh sa Ghearasdan, an Inbhir Garadh, am Baile a’ Chaolais, san Drochaid Ruaidh agus an Ath Tharacaill.
Chaidh dà chlas phìolatach, a tha air an ruith mar phìolat ann an Inbhir Nis airson luchd-obrach Chomhairle na Gàidhealtachd, a leudachadh airson 20 seachdain a bharrachd.
Thuirt an Comhairliche Hamish Friseal: “Tha mi a’ cur fàilte air an obair ionmholta a tha Ùlpan air a dhèanamh gu ruige seo ann a bhith a’ toirt seachad chothroman ionnsachaidh do dh’inbhich air feadh na Gàidhealtachd. Gus solar Ùlpan a leudachadh feumaidh sinn barrachd oidean fhastadh, barrachd cothroim a thoirt airson oidean a thrèanadh agus barrachd luchd-labhairt na Gàidhlig a bhrosnachadh gus tighinn air adhart mar oidean san àm ri teachd.”
g
-crìoch-