Solar tro Mheadhan na Gàidhlig aig Bun-sgoil Ghlinn Urchadain

Ghabh moladh gus solar foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a stèidheachadh aig Bun-sgoil Ghlinn Urchadain ann an Druim na Drochaid ceum air adhart an t-seachdain seo.

Aig Comataidh Foghlaim, Cultair agus Spòrs Chomhairle na Gàidhealtachd, fhuair buill fiosrachadh mu thoradh na co-chomhairle reachdail a chumadh bho chionn ghoirid mun mholadh gus solar tro mheadhan na Gàidhlig a thoirt seachad
aig an sgoil.

Chaidh innse do na buill gun robh na freagairtean uile don cho-chomhairle a’ toirt taic agus gun do dh’iarr grunn dhiubh gun deidheadh foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a thoirt seachad bho Lùnastal 2010.

Dh’aontaich na buill gum bu chòir cùis gnothachais cunntasach a dhèanamh airson àite-còmhnaidh a bharrachd do dh’fhoghlam tro mheadhan na Gàidhlig aig Bun-sgoil Ghlinn Urchadain. 

Thuirt Ùisdean Friseal, Stiùiriche Seirbheis Foghlaim, Cultair is Spòrs Chomhairle na Gàidhealtachd gun tèid ath-sgrùdadh a dhèanamh air a’ chùis ghnothachais chunntasaich mar phàirt de Phrògram Calpa na Comhairle agus gun tèid beachdachadh oirre aig làn-choinneamh de Chomhairle na Gàidhealtachd san àm ri teachd.

Dh’aontaich buill cuideachd gun tèid obair a bharrachd a thaobh solar foghlam ro-sgoile tro mheadhan na Gàidhlig a chur air adhart cuide ri luchd-ùidh eile, Ionad Cùram-chloinne Ghlinn Urchadain nam measg.

Thuirt an Comhairliche Ionadail Mairead Davidson: “Tha taic mhòr ann gus a’ Ghàidhlig a thoirt air ais dhan Ghleann.  Tha buidheann de theaghlaichean òga ann a tha deònach seo a ghabhail os-làimh. Tha a’ choimhearsnachd air smaoineachadh gu cùramach air na dòighean san urrainn dhuinn solar ro-sgoile Gàidhlig a thoirt air adhart agus tha iad mothachail mu dhòighean san gabh seo a cheangal ris an t-solar a tha ann mar-thà.  Tha mise a’ moladh na buidhne ‘Gàidhlig anns a’ Ghleann’ oir tha iad air tòrr a dhèanamh gus ar toirt chun na h-ìre aig a bheil sinn a-nis.”

-crìoch-

19 Jan 2010