Àiteachan rim faotainn air tachartas ionnsachaidh teaghlaich

Tha an tachartas seo, a mhaireas fad seachdain, air a chur air dòigh le Buidheann Ath-bhreithneachaidh na Gàidhlig aig Ionnsachadh is Leasachadh Coimhearsnachd (CLAD), agus tha e fosgailte do theaghlaichean chloinne a tha a’ faighinn foghlam tro mheadhan na Gàidhlig.  Tha e a’ tabhann cothrom do phàrantan a dhol air fear de chlasaichean cànain na colaiste fhad ’s a bhios an cuid chloinne a’ gabhail com-pàirt ann an raon farsaing spòrsan, ealain is thachartasan eile tro mheadhan na Gàidhlig.

Togaidh tachartas 2010 air soirbheachas nam bliadhnachan roimhe is bidh na tachartasan uile a’ gabhail àite aig Sabhal Mòr Ostaig.  An-uiridh ghabh 32 teaghlach bho air feadh na Gàidhealtachd, nan Eilean is meadhan na dùthcha, an cothrom gus ionnsachadh is cluiche ann an àrainneachd far a bheilear a’ bruidhinn na Gàidhlig an-còmhnaidh.  Tha a’ cholaiste suidhichte ann an Slèite ann an ceann a deas an Eilein Sgitheanaich agus bha gach neach a ghabh com-pàirt a’ dèanamh moladh mòr air na buannachdan a bha na lùib.

Thathar a’ sgaoileadh tuilleadh fiosrachaidh is foirmean tagraidh gu sgoilearan ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig air feadh na dùthcha.  ’S e 12 Màrt an ceann-là dùnaidh ach seach nach eil tòrr àiteachan ann, thathar a’ moladh tagradh a chur a-steach cho luath ’s a ghabhas.  Thèid innse do theaghlaichean tràth sa Ghiblean co dhiubh a tha no nach eil na tagraidhean aca soirbheachail.

CRÌOCH

25 Jan 2010