A’ Chomhairle a’ cur Manaidsear Leasachaidh Gàidhlig ùr an dreuchd

Read this in English

Tha Comhairle na Gàidhealtachd air Coinneach Moireach a chur an dreuchd mar Mhanaidsear Leasachaidh ùr airson na Gàidhlig. 

Tha Mgr Moireach às Eilean Leòdhais is tha a’ Ghàidhlig air a bhith aige bhon ghlùin.  Bha e roimhe na Àrd-oifigear aig Bòrd na Gàidhlig. 

Rona sin bha e ag obair airson 25 bliadhna do Choimisean na Coilltearachd, an dà chuid ann an Dùn Èideann agus ann an Inbhir Nis, is bha e mu dheireadh na Mhanaidsear Pàrlamaideach is Phrògraman Cultarail dhaibh.

San dreuchd seo, stiùir e am Prògram Touchwood – tabhartas a’ Choimisein do Ghàidhealtachd 2007. 

Thuirt Mgr Moireach, a thòisich na dhreuchd ùr aig toiseach na seachdain: “Tha mi a’ dèanamh fiughair ri bhith ag obair le raon farsaing chom-pàirtichean ann an coimhearsnachdan na Gàidhealtachd ann an dreuchd a tha cho cudromach ann a bhith a’ lìbhrigeadh Plana Gàidhlig na Comhairle.”  

Chuir an Comhairliche Hamish Friseal, Cathraiche Comataidh Gàidhlig Chomhairle na Gàidhealtachd, fàilte air an dreuchd ùir.  Thuirt e: “Tha mi fìor thoilichte gu bheil a’ Chomhairle air manaidsear ùr a tha cho eòlach is cho comasach a chur an dreuchd gus an Sgioba Ghàidhlig againn a stiùireadh is gus na poileasaidhean Gàidhlig againn a lìbhrigeadh.  Bheir Mgr Moireach neart is ceannardas ùr don bhuidhinn bhig oifigearan san roinn Ghàidhlig againn, a tha air obair mhòr a dhèanamh roimhe agus a nì obair mhòr san àm ri teachd gus gach taobh den Phlana Ghàidhlig a chur an gnìomh.  Tha mi a’ coimhead air adhart ri bhith ag obair còmhla ris gus ar cànain ’s ar cultair a bhrosnachadh.”

 

 

4 Jan 2011