Barrachd cothrom air Gàidhlig do luchd-ionnsachaidh

Read this in English

Chuir buill Comataidh Gàidhlig Chomhairle na Gàidhealtachd fàilte air an adhartas a rinneadh a thaobh barrachd cothroim do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig sa Ghàidhealtachd.

Chaidh innse do bhuill gu bheil am prògram Gàidhlig sna Bun-sgoiltean air a dhealbhadh timcheall air buidhnean de bhun-sgoiltean taobh a-staigh sgìrean frithealaidh nan àrd-sgoiltean as fhaisge orra.  Tha prògram trèanaidh ceumnaichte do thidsearan bun-sgoile agus cothroman leasachaidh do luchd-obrach is do sgoilearan gus ceangalan a thogail, air ciallachadh gu bheilear a’ dealbhadh airson Luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig ann an àrd-sgoiltean.

Ann an 2009/10, bha cothrom aig 180 sgoilear ann an sgìre Loch Abair trèanadh Gàidhlig sna Bun-sgoiltean a ghabhail os-làimh aig còrr is 10 bun-sgoil, taobh a-staigh na sgoile aca fhèin.  Chaidh measadh a dhèanamh den trèanadh is den ionnsachadh agus tha fios air ais air sealltainn gun robh an cùrsa math agus soirbheachail.

Thathar an dùil gun tèid oide a chur an dreuchd agus gun tèid am prògram Gàidhlig sna Bun-sgoiltean a leudachadh ann an 2010/11 airson na buidhne sgoiltean a tha co-cheangailte ri Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis, far a bheil Roinn Ghàidhlig stèidhichte mar-thà.  Thathar an dùil gun tèid am prògram air adhart cuideachd sna buidhnean sgoiltean co-cheangailte ri Àrd-sgoiltean Gheàrrloch is Ulapuil is dh’fhaodhte gun tèid co-labhairteachadh bhidio a chleachdadh an seo cuideachd.

Thuirt an Comhairliche Hamish Friseal, Cathraiche Comataidh Gàidhlig Chomhairle na Gàidhealtachd: “Tha dealas leantainneach ann am Plana Gàidhlig Chomhairle na Gàidhealtachd airson barrachd cothroim a thoirt do sgoilearan gus a’ Ghàidhlig ionnsachadh.  Tha mi fìor thoilichte gu bheil sinn a’ dèanamh adhartas le solar Gàidhlig do luchd-ionnsachaidh ann an cuid de na sgoiltean co-cheangailte againn ann an Loch Abar, Inbhir Nis agus Taobh Siar Rois.”

Tha Seirbheis Foghlaim, Cultair is Spòrs Chomhairle na Gàidhealtachd air coinneachadh ri riochdairean bho ùghdarrasan ionadail eile gus obrachadh còmhla; gus goireasan, sgilean is leasachaidhean a cho-roinn; agus gus dèanamh cinnteach às an luach as fheàrr a thaobh a bhith a’ trèanadh oidean Gàidhlig sna Bun-sgoiltean.

-crìoch-

4 Jan 2011