Distance Learning In Gaelic For Council "Students"

Tha cùrsa aig astar a tha ga lìbhrigeadh leis a’ Cholaiste Ghàidhlig, Sabhal Mòr Ostaig, san Eilean Sgitheanach a’ brosnachadh luchd-obrach bho Chomhairle na Gàidhealtachd gu bhith ag ionnsachadh Gàidhlig.

Tha a’ chiad ochdnar dhiubh air tòiseachadh air a’ Chùrsa Inntrigidh agus bha iad an làthair aig latha-tòiseachaidh sa cholaiste o chionn ghoirid. Bheir e 14 mìosan do na h-oileanaich an cùrsa Earrann 3 a chrìochnachadh. Às dèidh dhaibh crìoch a chur air, bu chòir misneachd a bhith aig na h-oileanaich a bhith còmhradh ann an Gàidhlig. Tha an teisteanas a gheibh na h-oileanaich a’ ciallachadh gun urrainn dhaibh cur a-staigh airson a’ Chùrsa Comais, agus ’s e sin a’ chiad ìre den Sgeama Ceuma airson Gàidhlig is Chuspairean Co-cheangailte a tha ri fhaotainn aig Sabhal Mòr Ostaig agus colaistean eile ann an Institiùd OGE nam Mìle Bliadhna.

Tha an cùrsa ga ruith le Sgioba-leasachaidh an Luchd-obrach aig Comhairle na Gàidhealtachd ann an co-bhuinn ris an Oifigear Leasachaidh Gàidhlig Mòrag Anna NicLeòid agus òraidichean aig Sabhal Mòr Ostaig.

Tha a’ chiad bhuidheann de dhaoine ag obair do chaochladh Sheirbheisean, nam measg: Taigheadas; Sochairean Sòisealta; Foghlam, Cultar is Spòrs agus Seirbheisean Corporra.

Thuirt Cathraiche Comataidh Taghte na Gàidhlig aig a’ Chomhairle Hamish Friseal: "Tha mi air leth toilichte gu bheil luchd-obrach dol a thoirt seachad tìde gus an cànan ionnsachadh mar phàirt den leasachadh sgilean pearsanta aca, tro na modhan trèanaidh coitcheann aig a’ Chomhairle. Tha mi a’ guidhe gach soirbheas air an luchd-obrach leis a’ chùrsa agus nuair a chuireas iad crìoch air a’ chùrsa bidh e na chuideachadh airson cothrom obrach, agus le bhith lìbhrigeadh sheirbheisean na Comhairle."

Thuirt Eàirdsidh Caimbeul, Oifigear Leasachaidh a’ Chùrsa Inntrigidh aig Sabhal Mòr Ostaig: "Tha sinn gu math toilichte gu bheil luchd-obrach bho Chomhairle na Gàidhealtachd air an clàradh air a’ Chùrsa Inntrigidh. Tha sinn a’ coimhead air adhart ri bhith teagasg an luchd-obrach air a’ chùrsa agus tha sinn an dòchas gun còrd e riutha, oir chòrd an cùrsa ri luchd-ionnsachaidh eile."

Thuirt Manaidsear Leasachaidh an Luchd-obrach aig a’ Chomhairle Catherine Christie: "Tha e mar amas aig Aonad-leasachaidh an Luchd-obrach sgilean luchd-obrach a leudachadh a leasaicheas lìbhrigeadh sheirbheisean agus tha an leasachadh seo a’ freagairt air a’ Phlana Ghàidhlig aig Comhairle na Gàidhealtachd."

-crìoch-

 


 


 

18 Apr 2006