Cur air Bhog na Fèise Cudromach an Eachdraidh

Tha Fèis Blas, a tha a’ cliùthachadh na Gàidhlig agus cultar na Gàidhealtachd gu bhith a’ comharrachadh cur air bhog a’ phrògraim 2010 aice le ‘inntrigeadh’ do Ionad Tasglainn is Clàraidh na Gàidhealtachd.

Tha prògram ùr na fèise agus prògraman nan còig bliadhna a chaidh seachad gu bhith air an tasgadh aig an Ionad a tha stèidhichte ann an Inbhir Nis.  Tha e cuideachd a’ gleidheadh chlàran bho chomhairlean is bhailtean-margaidh na Gàidhealtachd, is am fear as tràithe a’ dol air ais gu 1455.

Tha tasgadh nam prògraman Blas do chlàran an Tasglainn a’ sealltainn mar a tha an fhèis air tighinn gu bhith na pàirt stèidhichte de bheatha na Gàidhealtachd.  Tha seo a’ tighinn is luchd-eagrachaidh Blas ag innse cò bhios air àrd-ùrlar ann an 2010 nuair a bhios ceòl is cultar na Gàidhlig is na Gàidhealtachd air an toirt gu luchd-èisteachd a’ mhòr-shluaigh (3mh – 12mh Sultain).

Thuirt Donna NicRath, Stiùiriche Fèis Blas: “Tha Blas a’ toirt mu £800,000 a-steach do dh’eaconamaidh na Gàidhealtachd, agus aig a’ cheart àm, tha i ag àrdachadh feartan na Gàidhlig agus an ceòl is an cultar againn gu measgachadh farsaing de mhuinntir an àite agus luchd-turais.

“An-uiridh reic sinn 25% a bharrachd de thiogaidean, is tha sin a’ sealltainn gu bheil daoine gu mòr ag iarraidh an seòrsa fiosrachaidh is cur-seachad a tha Blas a’ tabhann.  Am-bliadhna tha prògram air leth againn is còrr is 80 tachartas a’ gabhail àite thar 10 latha, le luchd-ealain leithid Donaidh Rothach is a chòmhlan, Aly Bain agus Phil Cunningham, Gerry O’Connor agus Dòchas.

“Bidh sinn cuideachd a’ cur 2 thachartas air dòigh aig Port-adhair Inbhir Nis.  Air a’ chiad oidhche bidh Blas a’ cur dannsa mòr air dòigh ann an Hangar 2 le
Shooglenifty, Skerryvore agus Niteworks, agus air an deireadh-sheachdain mu dheireadh bidh sinn a’ cumail dinnear agus dannsa spaideil ann an taigh-bìdh a’ phuirt-adhair le òrain Ghàidhlig, sgeulachdan bho fhear a b’ àbhaist a bhith na phoidhleat itealain, agus dannsa fad na h-oidhche, mar sin bidh stoidhle gu leòr an lùib na fèise le taic HIAL.”

Thuirt an Comhairliche Mìcheal Foxley, Ceannard Rianachd Chomhairle na Gàidhealtachd: “Mus deach Blas a stèidheachadh cha robh fèis againn a bha a’ sgaoileadh air feadh na Gàidhealtachd agus a’ comharrachadh ar cànain, ar ciùil is ar cultair.  Tha an com-pàirteachas air obair mhòr a dhèanamh gus seo a leigheas agus tha e follaiseach gun robh is gum bi Blas soirbheachail is a’ còrdadh ri daoine.  Tha e iomchaidh na clàran aig Blas a ghleidheadh ann an Ionad Tasglainn is Clàraidh na Gàidhealtachd do na ginealaichean a tha ri teachd, gu h-àraid seach gu bheil an fhèis air tabhartas cultarail is eaconamach a chur ris an sgìre.”

Thuirt Paul Bush OBE, Àrd Oifigear Obrachaidh aig EventScotland, a’ bhuidheann thachartasan nàiseanta:  “Tha Fèis Blas a’ comharrachadh beatha is cultar na Gàidhealtachd ann an dòigh sgoinneil is àraid is tha i a’ toirt fearas-chuideachd is foghlam do dhaoine a tha a’ fuireach sa Ghàidhealtachd agus dhaibhsan bho àiteachan eile air feadh na h-Alba is nas fhaide air falbh.  Tha i na clach-oisinn chudromach air mìosachan thachartasan na h-Alba is tha i a’ brosnachadh is a’ comharrachadh ceòl, dualchas, aoigheachd is dòigh-beatha na Gàidhealtachd am measg rudan eile.  Tha an fhèis luachmhor don Ghàidhealtachd oir tha i a’ tarraing na mìltean de dhaoine chun na sgìre gach bliadhna, a’ toirt buaidh mhòr eaconamach agus buannachdan mòra do ghnothachasan ionadail.  Tha e follaiseach gu bheil an Fhèis a’ sìor chòrdadh ri daoine is tha sinn a’ coimhead air adhart ri tuilleadh fàis ann an 2010.”

Bidh an fhèis a’ gabhail a-steach tachartasan sgoile is coimhearsnachd cuide ri taisbeanaidhean air bòrd an Jacobite Queen, aig Ionad Blàr Chùil Lodair, Caisteal Eilean Donnain, Taigh-cluiche Eden Court, agus Taigh-tasgaidh is Gailearaidh Ealain Inbhir Nis.  Bidh tachartasan cuideachd ann an tallaichean-baile is aig àiteachan sònraichte air feadh na Gàidhealtachd, a’ gabhail a-steach dannsa mòr “Hangar2” aig Port-adhair Inbhir Nis le Shooglenifty, Skerryvore agus Niteworks.

Tha cur air bhog Prògram Fèis Blas 2010 agus inntrigeadh phrògraman na fèise a’ gabhail àite air Diciadain 19mh den Chèitean ann an Ionad Tasglainn is Clàraidh na Gàidhealtachd, Rathad Bught, Inbhir Nis IV3 5SS, aig 10.30m.

Am measg luchd-cluich 2010 tha: Shooglenifty, Skerryvore, Aly Bain agus Phil Cunningham, Anna Massie, Iain Moireasdan agus a chòmhlan, Donaidh Rothach is a chòmhlan, Fìdhlearan Inbhir Nis, Aonghas MacColla, Donnchadh Siosal, Meantime, Nightworks, Deoch an Doras, Còisirean Inbhir Nis, Inbhir Narann is Mhealbhaich, Dòmhnall Grannd, Iain MacPhàrlain is Ingrid NicEanraig, Breabach, Gerry O'Connor, Dòchas, Ronan Màrtainn, Pòl MacCalum, Seumas Greumach, Fìdhlearan Chill Tighearna, Na h-Occasionals, Art Carmaig, Fiona J NicCoinnich, Dr Mairead Bennett, agus Raonaid Nic an Fhùcadair.

-CRÌOCHNACHADH-

19 May 2010