Bàideanach agus Srath Spè a’ gleidheadh na treas duais airson Coimhearsnachd Ghàidhlig na Bliadhna

Tha pròiseact coimhearsnachd a’ riochdachadh Bhàideanach is Srath Spè air an treas duais a ghleidheadh mar Choimhearsnachd Ghàidhlig na Bliadhna airson 2010.

Chaidh an fharpais a stiùireadh le Comunn na Gàidhlig (CnaG) mar phàirt den chùmhnant leasachaidh Gàidhlig a tha iad a’ lìbhrigeadh às leth Iomairt na Gàidhealtachd ’s nan Eilean (HIE).  Chaidh an treas duais de £500 a thoirt do “SINNE” airson na tha iad a’ dèanamh gus a’ Ghàidhlig a leasachadh ann am Bàideanach is Srath Spè.

Chaidh a’ chiad dhuais gu sgìre Stafainn, ann an ceann an ear-thuath an Eilein Sgitheanaich.  Fhuair Solas ann an Uibhist a Tuath an dàrna duais de £1,500.
Seo a’ chiad turas a tha an fharpais air a bhith ann, ach a dh’aindeoin sin, chuir còrr is aon bhuidheann deug a-steach tagradh, bho air feadh na Gàidhealtachd is nan Eilean.

Chaidh na diofar thagraidhean a mheas mu choinneamh diofar shlàtan-tomhais, nam measg:

Chaidh na tagraidhean a mheas le panail bhritheamhan, a’ gabhail a-steach luchd-obrach ChnaG agus riochdairean bho Iomairt na Gàidhealtachd ’s nan Eilean agus Bòrd na Gàidhlig.

Thuirt An Comhairliche Gàidhealach Jaci Dhùghlas, a bhios a’ toirt taic do SINNE: “Tha mi fìor thoilichte gu bheil an fharpais seo air aithne a thoirt don obair is don oidhirp mhòr a tha Bàideanach is Srath Spè air a dhèanamh.  Tha tòrr mòr a’ dol air adhart mar-thà agus cuidichidh seo na buidhnean gus togail air an obair sin agus cleachdadh cànan is cultar na Gàidhlig thar na sgìre a mheudachadh.”

Thuirt Dòmhnall MacNèill, Ceannard ChnaG: “Bha e gu math duilich sgaradh a dhèanamh am measg cuid dha na tagraidhean.  Tha iad uile airidh air aithne agus cliù, agus b’ e obair dhuilich a bh’ ann co-dhùnadh cò ghlèidheadh an darna ’s an treas àite.  Tha dùil againn an fharpais seo a chumail a-rithist an ath-bhliadhna, agus bu chòir dha na buidhnean eile a bhith air am misneachadh gus tagradh an uair sin.”

-Crìoch-

7 Sep 2010