Buill a’ cur fàilte air adhartas Plana Gàidhlig Chomhairle na Gàidhealtachd
Tha Buill Comataidh Gàidhlig Chomhairle na Gàidhealtachd air fàilte a chur air an adhartas le bhith a’ buileachadh ciad Phlana Gàidhlig 2007-2011 na Comhairle agus tha iad air iarraidh air buill den phoball am beachdan a thoirt seachad a thaobh dàrna Plana Gàidhlig na Comhairle airson 2012-2016.
Sa Chèitean 2008, b’ i Comhairle na Gàidhealtachd a’ chiad bhuidheann a fhuair aonta bho Bhòrd na Gàidhlig airson a Plana Gàidhlig reachdail. Mar phlana leasachaidh ceithir bliadhna fo Achd na Gàidhlig (Alba) 2005, thathar an dùil am Plana ùrachadh mun Chèitean 2012.
Dh’aontaich Buill na Comataidh Gàidhlig gun cuireadh iad an aithisg mu adhartas na Comhairle a’ buileachadh Plana 2007-2011 gu Bòrd na Gàidhlig. Thug Coinneach Moireach, Manaidsear Leasachadh Gàidhlig Chomhairle na Gàidhealtachd, fiosrachadh do Bhuill mun dàrna dreachd Plana Gàidhlig aig a’ Chomhairle airson nam bliadhnachan 2012-2016 agus na co-chomhairlean poblach a bha na lùib.
Chaidh ochd coinneamhan poblach a chumail bho chionn ghoirid san Dàmhair agus san t-Samhain, air feadh na Gàidhealtachd ann an Inbhir Theòrsa, Port Rìgh, Ullapul, Inbhir Nis, sa Ghearasdan, san Aghaidh Mhòir agus ann an Goillspidh.
Thug Sheumais Friseal, Cathraiche na Comataidh Gàidhlig, taing do bhuill na Comhairle agus do bhuill a’ phobaill a bha air tighinn gu na coinneamhan bho chionn ghoirid agus bhrosnaich e duine sam bith eile nach b’ urrainn a dhol gu na coinneamhan am beachdan a thoirt seachad ro 5f air Diciadain 4 Faoilleach 2012 oir b’ e sin ceann-latha dùnaidh na co-chomhairle poblaich.
Faodar beachdan a thoirt seachad air-loidhne air làrach-lìn na Comhairle aig http://www.highland.gov.uk no le post-d gu: gaelic@highland.gov.uk no tron phost gu: Manaidsear Leasachadh Gàidhlig, Comhairle na Gàidhealtachd, Talla a’ Bhaile, Inbhir Nis IV1 IJJ.
Thèid an dreachd mu dheireadh den dàrna Plana Gàidhlig 2012-2016 a chur a-steach gu Comataidh Ghàidhlig na Comhairle air 8 Màrt 2012 agus thèid am plana deireannach a chur a-steach gu coinneamh Chomhairle na Gàidhealtachd air 5 Giblean 2012. Thèid a chur gu Bòrd na Gàidhlig an uair sin airson aonta deireannach.
-crìoch-