Co-fharpais ball-coise spòrsail do sgoilearan na Gàidhealtachd

Read this in English

Tha co-fharpais ball-coise ‘cleas le ceathrar’ a’ tòiseachadh an t-seachdain seo ann an Inbhir Nis agus bidh sgoilearan Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig bho air feadh na Gàidhealtachd a’ gabhail com-pàirt.  Bidh mu 180 sgoilear P4-7 bho 15 sgoiltean air feadh na Gàidhealtachd an lùib na Fèis Spòrs.  Bidh 34 sgioba uile gu lèir a’ gabhail com-pàirt sna cuairtean ionadail gus feuchainn ri faighinn troimhe gu cuairt dheireannach na cuaiche fhèin a thèid a chumail ann an Inbhir Nis.

Tha sgoilearan Inbhir Nis a’ gabhail com-pàirt sna cuairtean ionadail airson na co-fharpais cleas le ceathrar a tha a’ tòiseachadh a-màireach (Diardaoin 27 Faoilleach) aig Acadamaidh Allt a’ Mhuilinn, Inbhir Nis.

Bidh sgoilearan Loch Abar a’ gabhail com-pàirt ann an cuairtean ionadail sa Ghearasdan, aig Ionad Neibhis air an 31mh.

Bidh cuairtean ionadail Inbhir Pheofharain a’ gabhail àite air an 3mh Gearran aig Acadamaidh Ball-coise na Gàidhealtachd agus thèid na cuairtean mu dheireadh gus faighinn troimhe a chumail san Eilean Sgitheanach air 23 Gearran aig Àrd-sgoil Phort Rìgh.

Gheibh na com-pàirteachaidh uile bonn le gràbhaladh sa Ghàidhlig.  Thèid na sgiobaidhean a gheibh troimhe a dh’Inbhir Nis air 9 Màrt is thèid na cuairtean deireannach a chumail aig Inverness Leisure, Pàirc a’ Bhucht, Inbhir Nis.  Bidh spòrs gu leòr ann is gheibh iad lòn agus cothrom amar-snàimh Inverness Leisure a chleachdadh.  Thèid cuach, le gràbhaladh sa Ghàidhlig, a thoirt dhan sgioba a bhuannaicheas.

Thèid an dà sgioba a bhios sa chuairt dheireannaich gu Ionad Bhad a’ Ghiuthais air an 18 is 19 Màrt mar phàirt den duais aca airson faighinn troimhe; thèid cleasan is cur-seachadan sa bhlàr a-muigh a thabhann dhaibh tron deireadh-sheachdain.

Tha pròiseact Fèis Spòrs air a chur air dòigh le Shona NicPhàdraig, Oifigear Coimhearsnachd Gàidhlig (Sgìre a Tuath) aig Comhairle na Gàidhealtachd agus le Co-òrdanaiche Spòrs na h-Òigridh, Gary Morris.  Tha Bòrd na Gàidhlig a’ toirt taic dhan phròiseact.

-crìochnachadh-

26 Jan 2011