Co-fharpais ball-coise spòrsail do sgoilearan na Gàidhealtachd
Tha co-fharpais ball-coise ‘cleas le ceathrar’ a’ tòiseachadh an t-seachdain seo ann an Inbhir Nis agus bidh sgoilearan Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig bho air feadh na Gàidhealtachd a’ gabhail com-pàirt. Bidh mu 180 sgoilear P4-7 bho 15 sgoiltean air feadh na Gàidhealtachd an lùib na Fèis Spòrs. Bidh 34 sgioba uile gu lèir a’ gabhail com-pàirt sna cuairtean ionadail gus feuchainn ri faighinn troimhe gu cuairt dheireannach na cuaiche fhèin a thèid a chumail ann an Inbhir Nis.
Tha sgoilearan Inbhir Nis a’ gabhail com-pàirt sna cuairtean ionadail airson na co-fharpais cleas le ceathrar a tha a’ tòiseachadh a-màireach (Diardaoin 27 Faoilleach) aig Acadamaidh Allt a’ Mhuilinn, Inbhir Nis.
Bidh sgoilearan Loch Abar a’ gabhail com-pàirt ann an cuairtean ionadail sa Ghearasdan, aig Ionad Neibhis air an 31mh.
Bidh cuairtean ionadail Inbhir Pheofharain a’ gabhail àite air an 3mh Gearran aig Acadamaidh Ball-coise na Gàidhealtachd agus thèid na cuairtean mu dheireadh gus faighinn troimhe a chumail san Eilean Sgitheanach air 23 Gearran aig Àrd-sgoil Phort Rìgh.
Gheibh na com-pàirteachaidh uile bonn le gràbhaladh sa Ghàidhlig. Thèid na sgiobaidhean a gheibh troimhe a dh’Inbhir Nis air 9 Màrt is thèid na cuairtean deireannach a chumail aig Inverness Leisure, Pàirc a’ Bhucht, Inbhir Nis. Bidh spòrs gu leòr ann is gheibh iad lòn agus cothrom amar-snàimh Inverness Leisure a chleachdadh. Thèid cuach, le gràbhaladh sa Ghàidhlig, a thoirt dhan sgioba a bhuannaicheas.
Thèid an dà sgioba a bhios sa chuairt dheireannaich gu Ionad Bhad a’ Ghiuthais air an 18 is 19 Màrt mar phàirt den duais aca airson faighinn troimhe; thèid cleasan is cur-seachadan sa bhlàr a-muigh a thabhann dhaibh tron deireadh-sheachdain.
Tha pròiseact Fèis Spòrs air a chur air dòigh le Shona NicPhàdraig, Oifigear Coimhearsnachd Gàidhlig (Sgìre a Tuath) aig Comhairle na Gàidhealtachd agus le Co-òrdanaiche Spòrs na h-Òigridh, Gary Morris. Tha Bòrd na Gàidhlig a’ toirt taic dhan phròiseact.
-crìochnachadh-