Comhairlichean gus beachdachadh air Dàrna Plana Gàidhlig Chomhairle na Gàidhealtachd

Read this in English

Tha còrr is dà fhichead Ball de Chomhairle na Gàidhealtachd air an ainmean a chur sìos gus a bhith an làthair aig bùth-obrach, far am beachdaich iad air dàrna Plana Gàidhlig na Comhairle, air Diardaoin 16 Ògmhios.

Chuir buill Chomataidh Ghàidhlig na Comhairle fàilte air adhartas ann a bhith a’ deasachadh a’ Phlana, a thathar an dùil aontachadh sa Chèitean 2012.

Thuirt an Comhairliche Sheumais Friseal, Cathraiche Comataidh Gàidhlig Chomhairle na Gàidhealtachd: “Tha mi fìor thoilichte gum bi còrr is leth nam Ball a’ frithealadh na bùth-obrach gus deasbaireachd mu mhion-fhiosrachadh an Dàrna Plana Gàidhlig.  Tha e cudromach gum faigh sinn na ’s urrainn dhuinn de bheachdan gus cur ris a’ phròiseas fhad ’s a tha sinn a’ deasachadh a’ Phlana, a thèid a chur an gnìomh sna bliadhnaichean air thoiseach.”

B’ e Plana Gàidhlig Chomhairle na Gàidhealtachd (2007-2011), mar a bha air iarraidh fo Achd na Gàidhlig (Alba) 2005, a’ chiad Phlana a chaidh a chur a-mach le buidheann poblach ann an Alba agus a fhuair aonta foirmeil bho Bhòrd na Gàidhlig.  B’ e rùn a’ Phlana inbhe agus cleachdadh na Gàidhlig a bhrosnachadh air feadh na Gàidhealtachd.

Bidh na gnìomhan a thathar a’ moladh san dàrna Plana Gàidhlig co-cheangailte ri Gàidhlig ann am foghlam, sa choimhearsnachd; san àite-obrach; agus sna h-ealain, an cultar is sna meadhanan.  Beachdaichidh Comhairlichean air na còig cuspairean seo a thaobh a’ Phlana aig a’ bhùth-obrach an ath sheachdain.

Thug Coinneach Moireach, Manaidsear Leasachadh Gàidhlig Chomhairle na Gàidhealtachd, mìneachadh do Bhuill gum biodh com-pàirt aig Seirbheisean uile na Comhairle anns an dàrna Plana.  Mhìnich e cuideachd gum biodh am Plana, mar aon de phlanaichean coileanadh corporra na Comhairle, fo ùmhlachd barantas càileachd agus sgrùdadh le roinn poileasaidh agus coileanaidh na Comhairle, fad beatha a’ Phlana.

Mar a thachair leis a’ chiad Phlana, bidh cothrom aig a’ phoball am beachdan a thoirt seachad air dàrna Plana Gàidhlig Chomhairle na Gàidhealtachd, tro shreath de choinneamhan co-chomhairleachaidh poblach a thathar a’ cur air dòigh nas anmoiche am-bliadhna.

Às dèidh co-chomhairle air an taobh a-staigh agus air an taobh a-muigh, beachdaichidh Comhairle na Gàidhealtachd air an dreachd Phlana sa Mhàrt/Ghiblean 2012 agus às dèidh sin thèid a chur a-steach gu Bòrd na Gàidhlig airson aonta deireannach.

-crìoch-

15 Jun 2011