Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis a’ comharrachadh 25 bliadhna de dh’Fhoghlam tro Mheadhan na Gàidhlig sa Ghàidhealtachd

Read this in English

Bidh sgoilearan, luchd-obrach agus pàrantan Bhun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis a’ cumail Là Gala air Disathairne 11 Ògmhios gus 25 bliadhna de dh’Fhoghlam tro Mheadhan na Gàidhlig a chomharrachadh.

Bho 11m-2f bidh an gala a’ gabhail a-steach ealain, ceòl agus dràma tro bhùithtean-obrach chloinne, geamaichean beaga Gàidhealach, sgilean camanachd, caisteal cluiche, peantadh aodainn, brot is ceapairean, bèicearachd an taighe agus fada a bharrachd.

Thuirt Annika Jansson, Ceannard san Eadar-ama aig Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis: “’S e cothrom a tha seo do theaghlaichean sgoilearan a bh’ ann is a th’ ann gus tighinn còmhla agus soirbheas Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig ann an Inbhir Nis, is nas fharsainge, a chomharrachadh.  Seo aon de ghrunn thachartasan a tha an sgoil air a chur air dòigh thar an t-seisein gus a’ chlach-mhìle seo a chomharrachadh.”

Thuirt i cuideachd: ”Tha duine sam bith a tha airson tighinn còmhla rinn gus seo a chomharrachadh làn di-beathte!”

Thèid cèilidh agus bbq a chumail air an fheasgar bho 6f gu 10f.

-crìoch-

15 Jun 2011