Spòrs le Uireadan

Read this in English

Tha sgoilearan aig bun-sgoil air a’ Ghàidhealtachd air tòiseachadh air pròiseact iomairt foghlaim a tha ag amas air an co-aoisean agus inbhich a chuideachadh gus tlachd fhaighinn às na h-uireadan, is an sgilean Gàidhlig a ghleusadh aig an aon àm.

’S e CD ùr a tha freagarrach an dà chuid do dh’ fhileantaich agus luchd-ionnsachaidh a tha ann an ‘Spòrs le Uireadan’, agus chaidh a chruthachadh le sgoilearan aig Bun-sgoil an Àth Leathainn san Eilean Sgitheanach.  Tha 18 pìos-ciùil no òrain air an CD a chuidicheas sgoilearan agus inbhich gus na h-uireadan ionnsachadh sa Ghàidhlig.

Tha faclan nan òran air an cur ri fuinn thraidiseanta, agus tha dà sgoilear dheug gan seinn le taic bho luchd-ciùil bho Sgoil Chiùil na Gaidhealtachd sa Phloc.

Thuirt Pat Anderson, Tidsear Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig aig Bun-sgoil an Àth Leathainn: "Tha mi smaoineachadh gur e seo fear dha na goireasan as fheàrr a chleachd mi bhon a thòisich mi a’ teagasg.  Is urrainn dhan a’ chloinn uile bhon sgoil-àraich air adhart seinn, còmhla agus tlachd fhaighinn às.  Tha e a’ còrdadh glan riutha nuair a chluicheas sinn an CD.”

Tha leabhran dathach 8-duilleig an cois an CD le faclan nan òran agus molaidhean airson an CD a chleachdadh.

Thuirt an Comhairliche Bill Fernie bho Chomataidh Foghlaim, Cultair agus Spòrs Chomhairle na Gàidhealtachd: “’S e fìor dheagh eisimpleir a tha seo de dh’iomairt ann am foghlam far a bheil sgoilearan air a bhith gu math innleachdach ann a bhith a’ cur aghaidh ri cuid de na rudan a tha sa Churraicealaim airson Sàr-mhathais.  Chan e a-mhàin gu bheil iad ag ionnsachadh matamataig, tha iad cuideachd a’ gleusadh an sgilean cànain, ciùil, ealain is dealbhaidh, malairt agus eòlas gnothachais, a bharrachd air taobhan eile den churraicealam.”

Cuideachd a’ moladh an CD, thuirt an Comhairliche Sheumais Friseal, Cathraiche Comataidh Gàidhlig Chomhairle na Gàidhealtachd: “Tha mi gun teagamh a’ smaoineachadh gu bheil Bun-sgoil an Àth Leathainn air rud math dha-rìreabh a dhèanamh an seo le Spòrs le uireadan.  Le bhith a’ cleachdadh dòigh ionnsachaidh thraidiseanta, tro ath-aithris agus ruitheam ann an co-theacsa ùr-nodha, tha iad air inneal-ionnsachaidh fìor luachmhor a chruthachadh, a bhios feumail, chan ann a-mhàin do chloinn ach do dh’inbhich a tha ag ionnsachadh cuideachd.  Tha mi cinnteach gum bi an CD soirbheachail, chan ann a-mhàin am measg chlasaichean tro mheadhan na Gàidhlig ann an sgoiltean air feadh na h-Alba ach cuideachd le inbhich ag ionnsachadh san dùthaich seo fhèin agus thall-thairis.”

Faodar òrdain a chur a-staigh airson an CD (aig £8.00 am fear, le postadh & pasgadh) le post-d gu Bun-sgoil an Àth Leathainn aig broadford.primary@highland.gov.uk no le fòn gu 01471 822453.  Faodar òrdain nas motha a thogail no faodar lìbhrigeadh a chur air dòigh.

-crìoch-

21 Jun 2011