Maoin do Bun-Sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis Leudachadh mu choinneimh iarrtas airson barachd foghlaim tron Ghàidhlig

Air a lìbhrigeadh le Riaghaltas na h-Alba

Read this in English

Tha Riaghaltas na h-Alba air taic airgid a ghealltainn mu choinneimh leasachadh thogalaichean  aig Bun-Sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis a tha air leth soirbheachail.

An-luib a’ Churraicealaim son Sàr-mhaitheis agus prìomhachasan an Riaghaltais airson na Gàidhlig, chaidh £226,000 a thoirt do Chomhairle na Gàidhealtachd bho Stòras Calpa nan Sgoiltean Gàidhlig a chuideachadh le leudachadh ann am Bun-Sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis agus a neartachadh foghlam Gàidhlig anns a’ bhaile.

Chaidh an sgoil fhosgladh ann an 2007 agus tha cùisean air soirbheachadh cho math gu bheil an sgoil luma-làn le 126 duine cloinne agus 61 a bharrachd air sin aig ìre ro-sgoile. Bidh dà chlas ùr gan togail leis an taic seo a bheir dhaibh an cothrom 66 duine cloinne eile a ghabhail.

Thuirt Fiona Hyslop BPA, air a bheil uallach son na Gàidhlig san Riaghaltas: “Tha Gàidhlig na pàirt riatanach de dhualchas na h-Alba, fèin-aithne na dùthcha agus saoghal cultarail na h-Alba.  Tha na tha sinn a’ cur an seilbh an-lùib na Gàidhlig a’ lìbhrigeadh buannachdan eaconamach agus sòisealta dhan dùthaich gu lèir.

“Tha e a’ cur ri ar cliù air feadh an t-saoghail airson cultar agus a bhith cruthachail, a’ togail air cothroman-cosnaidh air feadh na dùthcha gu lèir agus a’ cuideachadh le ùrachadh anns na coimhearsnachdan dùthchail.

“Tha an dòigh anns an deach buannachdan a tha an-lùib foghlam Gàidhlig agus mar a tha clann a’ soirbheachadh a’ cur ris an iarrtas a th’ann airson leasachadh agus tha mi cinnteach gum bi an stòras ùr seo a’ dèanamh cùisean nas tarraingiche buileach do phàrantan agus dhan chloinn.

 “Tha sinn mar Riaghaltas a’ cur romhainn saoghal leantainneach agus seasmhach a bhuinnig dhan Ghàidhlig ann an Alba. Le bhith a’ cur seilbh ri ionnsachadh na Gàidhlig, tha Riaghaltas na h-Alba a’ cuideachadh leis an amas sin a bharrachd air a bhith a’ cruthachadh chothroman do dh’Alba gu lèir tighinn air adhart agus soirbheachadh.”

Thuirt an Comhairliche Micheil Foxley, Ceannbhair Chomhairle na Gàidhealtachd,  "Bu mhath leam taing a thoirt do Mhinistear a’ Chultair agus Riaghaltas na h-Alba airson an taic a bharrachd agus ionmhas calpa, còmhla ri taic tro phoileasaidh airson foghlam Gàidhlig aig Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis. Tha sinn a’ cur fàilte chridheil air seo agus neartaichidh an taic mar a tha sinn a’ cur ri leasachadh na Gàidhlig agus dà-chànanas air feadh na Gàidhealtachd.”  

A’ cur a thaic fhèin ris an naidheachd, thuirt Cathraiche Chomataidh Foghlaim, Cultar agus Spòrs na Comhairle, an Comhairliche Bill Fernie: “Seach gu bheil sinn an dràsta fhèin a’ comharrachadh 25 bliadhna de dh’fhoghlam tron Ghàidhlig, tha mi air leth toilichte gu bheil Riaghaltas na h-Alba a’ sìor chumail taic ris a’ chiad sgoil a chaidh a thogail a dh’aona-ghnothach airson foghlam Gàidhlig.”

Thuirt an Comhairliche Hamish Friseal, Cathraiche Chomataidh Gàidhlig Chomhairle na Gàidhealtachd:  “Tha iarrtas airson foghlam Gàidhlig a’ sìor fhàs mar a tha pàrantan a’ tuigsinn agus a’ fàs mothachail air na buannachdan a tha an-lùib foghlam dà-chànanach. Tha an t-ionnsachadh òg ga dhèanamh mòran nas fhasa cànain eile a thogail agus tha an taic a fhuair sinn bho Riaghaltas na h-Alba a’ cur gu mòr ris gach oidhirp a tha sinn fhèin a’ dèanamh airson Ginealach ùr de luchd-labhairt Gàidhlig a chruthachadh.”

-criòch-

15 Mar 2011