A’ Chomhairle a’ tasgadh ann am Foghlam Gàidhlig sa Ghàidhealtachd

Chaidh dealas Chomhairle na Gàidhealtachd do dh’Fhoghlam tro Mheadhan na Gàidhlig a chomharrachadh an-diugh (Dimàirt) le fosgladh dà sheòmar-teagaisg ùr aig Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis agus seòmar-teagaisg ùr aig Bun-sgoil Ghlinn Urchadain, Druim na Drochaid.

Chaidh na h-aonadan ùra, a thogadh aig cosgais £600,000, fhosgladh leis an Dr Alasdair Allan, Ministear na h-Alba airson Ionnsachaidh agus Sgilean, aig searmoin san dà choimhearsnachd.

Nuair a chaidh Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis (a’ chiad Sgoil Ghàidhlig a chaidh a thogail airson an adhbhair ann an Alba) fhosgladh le Ailig Salmond, Prìomh Mhinistear na h-Alba, san Fhaoilleach 2008, bha 101 sgoilear bun-sgoile agus 50 sgoilear sgoil-àraich air clàr na sgoile.  A-nise tha 197 sgoilear air clàr na sgoile (154 sa Bhun-sgoil, 43 san Sgoil-àraich agus 27 eile clàraichte airson a dhol dhan Sgoil-àraich).

Tha Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis am measg àireamh sgoiltean sa Ghàidhealtachd a chaidh a thogail tro Iomairt a’ Chom-pàirteachais Phoblaich Phrìobhaidich.  Nuair a chaidh an sgoil fhosgladh bha 7 seòmraichean-teagaisg agus 1 sheòmar sgoil-àraich san sgoil.  San dàrna bliadhna, air sgàth àrdachadh grad ann an àireamh nan sgoilearan, chaidh fear de na seòmraichean-teagaisg nach robhar a’ cleachdadh a dhèanamh na sheòmar eile airson na sgoil-àraich agus bha e follaiseach gum biodh feum air leudachadh air sgàth an àrdachaidh ann an àireamh nan sgoilearan a bha a’ tighinn suas tron sgoil.

Thug an leudachadh seachad 2 sheòmar-teagaisg a bharrachd, a’ meudachadh na h-àrainn gu 2 sheòmar sgoil-àraich agus 8 clasaichean airson ìrean na bun-sgoile.  Bidh sgoilearan ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig a’ gluasad gu Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis nuair a tha iad deiseil sa bhun-sgoil.

Thuirt Stiùiriche na Comhairle, an Comhairliche Mìcheal Foxley: “Tha an leudachadh don dà sgoil a’ sealltainn gu bheil ùidh a’ sìor fhàs ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig sa Ghàidhealtachd.  Tha sinn fìor thoilichte leis an taic a tha sinn air fhaighinn bho Riaghaltas na h-Alba agus gun robh cothrom againn a dhol air adhart leis an dà thasgadh chudromach seo sna coimhearsnachdan againn.”

Thuirt Dòmhnall MacLachlain, Stiùiriche Obraichean aig Morrison Construction: “Tha e math a bhith a’ faicinn na cloinne a’ gabhail tlachd às an togalach ùr agus tha seo a’ toirt na h-obrach againn beò.  Tha eòlas gun choimeas aig Morrisons ann a bhith a’ togail sgoiltean air feadh na Gàidhealtachd agus ann a bhith a’ lìbhrigeadh pròiseact de chàileachd àrd, gu cunbhalach, ann an àm agus a rèir a’ bhuidseit.  Tha sinn uile an dòchas gu bheil sgoilearan agus buill den luchd-obrach fìor thoilichte anns an dachaigh ùr aca.”

Dh’fhosgail an Dr Allan seòmar-teagaisg ùr ann am Bun-sgoil Ghlinn Urchadain far a bheil 120 an-dràsta air clàr na sgoile.  Tha 7 sgoilear sa Bhun-sgoil tro Mheadhan na Gàidhlig agus 3 san Sgoil-àraich tro Mheadhan na Gàidhlig.  Chuir pàrantan ionadail an t-iarrtas airson solar Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig ann an sgìre Dhruim na Drochaid an cèill do Sheirbheis Foghlaim na Comhairle.  Às dèidh co-chomhairle phoblach ro-innleachdail, san Fhaoilleach 2010 dh’aontaich buill de Chomataidh Foghlaim, Cultair agus Spòrs na Comhairle gun deidheadh solar Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig a stèidheachadh ann am Bun-sgoil Ghlinn Urchadain agus chaidh seòmar-teagaisg a bharrachd a thoirt seachad.

Faodaidh pàrantan agus luchd-cùraim a tha a’ smaoineachadh air Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig is dà-chànanas a thaghadh airson an cuid cloinne, fios a chur chun na Sgoil-àraich no Bun-sgoil ionadail aca, no Oifis Foghlaim na Sgìre aca, no tuilleadh fiosrachaidh fhaighinn air làrach-lìn na Comhairle aig o faodaidh iad post-d a chur gu: gaelic@highland.gov.uk

-crìoch-

25 Nov 2011