Dràma gu leòr aig deireadh Cuach na Cloinne

Read this in English

Thàinig dràma agus spòrs còmhla air an raon-cluiche air an deireadh sheachdain, is farpais Cuach na Cloinne 2011 a’ tighinn gu crìch.

‘S iad sgioba bho Ionad Ghàidhlig Bun-sgoile a’ Ghearastain a ghlèidh am farpais, ach cha b’ann gun strì is dùbhlan, is aca ri dhol gu breaban peanasach ‘sa chuairt dheireannach an aghaidh Bun-sgoile Chrois na Cìse, agus san iar-chuairt dheireannach an aghaidh Bun-sgoil Phort Rìgh. Bha seo às dèidh na geamachan a bhith co-ionnan aig ceann na h-ùine.

Mar a thachair, sann sa Ghearastan a chaidh farpais crìochnachaidh Cuach na Cloinne 2011 a chumail, agus bha òganaich a’ bhaile sin airidh air an cupa a ghleidheadh.  Uile gu lèir, bha naoi sgiobaidhean an làthair an dèidh dhaibhsan soirbheachadh anns na cuairtean roinneil thairis air na seachdainean a chaidh seachad.

Bha farpais sònraichte math ann le sgiobaidhean  à Leòdhas, an t-Eilean Sgitheanach, Inbhir Nis, Inbhir Pheofharain, An Gearastan, Dùn Òbhainn, Comar nan Allt agus Dùn Èideann a’ sabaid airson tiotail na bliadhna.  Sna leth chuairtean deireannach bha Bun-sgoil a’ Bhac an aghaidh Bun-sgoil Chrois na Cìse agus Bun-sgoil Phort Rìgh an aghaidh Bun-sgoil a’ Ghearastain, le sgiobaidhean a’ Ghearastain is Dhùn Èideann a’ faighinn làmh an uachdar. Agus, aig a’ cheann thall se sgioba a’ Ghearastain a rinn an ghnothach air an tiotal.

Thuirt Dòmhnall MacNèill , Ceannard Chomunn na Gàidhlig, a bha a‘ ruith na  farpais: “Bha e na adhbhar thoileachais a bhith am measg an òigridh aig farpais crìochnachaidh Cuach na Cloinne.  Bha an òigridh, clann-nighean agus balaich, a’ dèanamh an dìcheall an cuid geamannan a ghleidheadh ach aig an aon àm a’ cluich nan geamannan ann an deagh spiorad. Bha e cuideachd na thlachd a bhith gan coimhead am measgachadh le chèile, o gach ceàrnaidh de dh’ Alba.

“Se seo mòran dhan a’ fheallsanachd a th’air cùlaibh an fharpais, gum bidh clann aig am bheil Gàidhlig a’ faighinn cothroman taobh a-muigh na sgoile an cuid Gàidhlig a chleachdadh agus cuideachd gu faic iad gu bheil a’ Ghàidhlig air a cleachdadh air feadh na h-Alba, agus nach ann a-mhàin sna sgìrean aca fhèin.

“Tha sinn air leth taingeil do na buidhnean a mhaoinich farpais na bliadhna sa, se sin, Bòrd na Gàidhlig, Comhairle nan Eilean Siar, Comhairle na Gàidhealtachd agus MG ALBA.  Tha sinn an dòchas agus an dùil gum bidh sinn air ais an ath bhliadhna le Cuach na Cloinne 2012!”

A thuilleadh air cupa Cuach na Cloinne, a bhios an sgioba a ghleidheas an fharpais a’ cumail airson bliadhna, chaidh cuideachd cuach snasail ùr, cuach MG ALBA, a thoirt do Ionad Ghàidhlig Bun-sgoile a’ Ghearastain a bhios iad a’ gleidheadh mar chuimhneachan maireannach air soirbheachas na sgioba. 

-Crìoch-

5 Oct 2011