Cuireadh dhan phoball gus beachd a thoirt air Plana Gàidhlig Chomhairle na Gàidhealtachd

Read this in English

Tha sreath de ochd coinneamhan, a’ sireadh bheachdan bhon a’ phoball mun dreachd dàrna Plana Gàidhlig aig Comhairle na Gàidhealtachd, a’ tòiseachadh aig Àrd-sgoil Inbhir Theòrsa, aig 7f air Diluain 24 Dàmhair, 2011.

Tha an dreachd Phlana a’ mìneachadh dealas Chomhairle na Gàidhealtachd a thaobh na Gàidhlig airson nan ceithir bliadhna bho Chèitean 2012-2016.

Chaidh Plana Gàidhlig làithreach Chomhairle na Gàidhealtachd (2007-2011), a dhèanamh fo Achd na Gàidhlig (Alba) 2005.  B’ e seo a’ chiad phlana le buidheann phoblach ann an Alba, a fhuair aonta foirmeil bho Bhòrd na Gàidhlig.  B’ e amas a’ phlana inbhe agus cleachdadh na Gàidhlig a bhrosnachadh air feadh na Gàidhealtachd.

Thèid na gnìomhan a thathar a’ moladh sa Phlana Ghàidhlig seo a lìbhrigeadh fo 6 cuspairean: A’ Ghàidhlig san Dachaigh; A’ Ghàidhlig sa Choimhearsnachd; A’ Ghàidhlig ann am Foghlam; A’ Ghàidhlig san Àite-obrach; A’ Ghàidhlig sna h-Ealain, sna Meadhanan agus ann an Dualchas; a’ Ghàidhlig ann an Leasachadh Eaconamach.

Ghabh Buill Chomhairle na Gàidhealtachd com-pàirt ann am bùithtean-obrach san Ògmhios agus san t-Sultain 2011 gus beachdachadh air dàrna Plana Gàidhlig na Comhairle agus tha iad air am beachdan fhilleadh a-steach sna ceumannan deasachaidh.

Thuirt Sheumais Friseal, Cathraiche Comataidh Gàidhlig Chomhairle na Gàidhealtachd:  “Tha mi toilichte leis an fhios air ais a tha sinn air fhaighinn gu ruige seo mun dàrna Phlana Gàidhlig.  Tha e deatamach a-nis gun gabh daoine an cothrom na beachdan aca a thoirt seachad fhad’s a tha sinn a’ deasachadh a’ Phlana agus mus tèid a chrìochnachadh.  Tha na coinneamhan poblach a’ toirt cothrom dhan a h-uile duine gus cluinntinn is beachd a thoirt seachad mu phlanaichean na Comhairle a thaobh na Gàidhlig agus leasachadh cultarail sna bliadhnachan a tha romhainn.”

Gheibhear lethbhreacan den dreachd phlana bho phrìomh oifisean na Comhairle, leithid leabharlannan agus Ionadan Seirbheis agus air làrach-lìn na Comhairle aig

http://www.highland.gov.uk/gaeliclanguageplan.htm.

Cumar coinneamhan poblach (uile a’ tòiseachadh aig 7f) sna h-àiteachan a leanas:

’S e 5f, air Diciadain 4 Faoilleach 2012, an ceann-là mu dheireadh airson beachdan bhon phoball mu Phlana Gàidhlig Chomhairle na Gàidhealtachd 2012-2016.  Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh mun cho-chomhairle le post-d gu: gaelic@highland.gov.uk.

Às dèidh co-chomhairle, beachdaichidh Comhairle na Gàidhealtachd air an dreachd phlana sa Mhàrt/Ghiblean 2012 agus thèid a chur gu Bòrd na Gàidhlig an uair sin airson aonta deireannach. 

-crìoch-

Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh bho: Coinneach Moireach, Manaidsear Leasachadh Gàidhlig, Comhairle na Gàidhealtachd, Talla a’ Bhaile, Inbhir Nis, fòn: (01463) 724224

10 Oct 2011