Cathraiche ùr do Chomunn na Gàidhlig

Read this in English

Tha Cathraiche ùr air Comunn na Gàidhlig (CnaG) – aon de na prìomh bhuidhnean leasachaidh Gàidhlig – gus an obair a stiùireadh san àm ri teachd.

Aig Coinneamh Bhliadhnail ChnaG chaidh an Comhairliche Hamish Friseal a chuir anns an dreuchd, ‘s e ga ghabhail a-null bho Dòmhnall Dòmhnallach a th’air a bhith na Chathraiche bho chionn 4 bliadhna.

Tha Mgr. Friseal, a tha a’ riochdachadh Comhairle na Gàidhealtachd air Bòrd Stiùiridh ChnaG, na chomhairliche airson an t-Eilean Sgitheanach, is e cuideachd na Chathraiche air Comataidh Gàidhlig na Comhairle bho chionn trì bliadhna.

Thuirt Mgr. Friseal: “Tha mi toilichte an uallach seo ghabhail, is tha mi’n dòchas gun tèid agam air cuir ri obair ChnaG anns na mìosan a tha romhainn. Tha mise air mo mhisneachadh gu mòr leis an obair a tha CnaG a’ dèanamh an dràsta, obair òigridh is obair coimhearsnachd ann an diofar sgìrean. Tha am Bòrd Stiùiridh, agus oifigearan ChnaG, airson’s gun tèid againn air an obair sin a leudachadh agus gun urrainn dhuinn an tuilleadh neart a chuir ri leasachadh na Gàidhlig.

“Feumaidh mi moladh sònraichte dhèanamh cuideachd air Dòmhnall Dòmhnallach a th’air a bhith na Chathraiche làidir do ChnaG thar na bliadhnachan a dh’fhalbh. Rinn esan saothair nach bu bheag ann a bhith stiùireadh na companaidh, is gu ìre mhòr ‘s ann air sàilleabh an obair aigesan a tha CnaG san suidheachadh fallainn a tha e an dràsta.”

Anns an latha th’ann tha Comunn na Gàidhlig na chùnnradair, a’ lìbhrigeadh dà phrìomh chùmhnant leasachaidh - às leth Bòrd na Gàidhlig agus Iomairt na Gàidhealtachd’s nan Eilean. An luib cùmhnant Iomairt na Gàidhealtachd tha taic-leasachaidh do choimhearsnachdan, buidhnean is gnìomhachasan, a’ cunntas gach cuid taic-airgid is comhairle. An luib cùmhnant Bhòrd na Gàidhlig tha na ‘h-Iomairtean Gàidhlig’ agus taic do dh’obair òigridh leithid na buidhnean Sradagan is campaichean òigridh.  Chuala na bha an làthair aig a’ Choinneamh Bhliadhnail mar a tha soirbheachadh leis an dà chùmhnant sin aig an ìre tha seo.

Thuirt Ceannard ChnaG, Dòmhnall MacNèill: “Anns a’ bhliadhna chaidh seachad chunnaic sinn buannachd an ath-structarachadh a rinnear air chompanaidh bho chionn greiseag a’ tighinn am follais. Le feallsanachd is modhan-obrach ùr tha sinn ag obair ann an dòigh nas èifeachdaiche. Gu ìre ged tha, chan eil sin cudromach ann fhèin, ach gum bheil e a’ toirt barrachd saorsa dhuinn coimhead rin obair leasachaidh a leudachadh.”

-Crìoch-

27 Sep 2011