Aithris Sgeulachdan Gàidhlig agus Fiosrachadh mu Fhoghlam Dà-chànanach ann an Loch Abar

Bidh taisbeanadh, a’ toirt fiosrachadh do phàrantan mu Fhoghlam Dà-chànanach, cuideachd ri fhaicinn san leabharlann bhon 26mh den t-Sultain.  Cumar tachartas eile coltach ri seo, le aithris-sgeulachdan, sa Chaol (Loch Abar), air Diluain 3mh Dàmhair aig 2.30f.

Chithear an taisbeanadh fiosrachaidh agus cumar tuilleadh sheiseanan aithris-sgeulachdan Gàidhlig ann an leabharlann Àrainn Shuaineart air Dimàirt 1d Samhain aig 10.30m, agus an t-seachdain às dèidh sin ann am Malaig.

Thuirt an Comhairliche Brian Murphy: “Tha cothrom air leth an seo do theaghlaichean le clann òga gus tadhal agus na taisbeanaidhean fhaicinn agus barrachd fiosrachaidh fhaighinn mu na buannachdan dà-chànanais a tha an lùib Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig.  Tha mi an dòchas gun gabh pàrantan an cothrom tadhal a-staigh agus com-pàirt a ghabhail sna tachartasan neo-fhoirmeil seo.  Tha na tachartasan seo a’ co-thaobhadh ris na builean san dreachd Phlana Gàidhlig a thathar a’ leasachadh an-dràsta.  Thathar an dùil coinneamh phoblach a chumail sa Ghearasdan air an 28mh Dàmhair gus bruidhinn mun a’ Phlana.”

Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh bho Mhairead Mulholland (Oifigear Ionnsachadh agus Leasachadh Coimhearsnachd (Gàidhlig) air 01463 724278 no margaret.mulholland@highland.gov.uk.

-crìoch-

20 Sep 2011