Am Pròbhaist ag ullachadh gus fàilte a chur air daoine gu Duaisean Ceòl Traidiseanta na h-Alba

Read this in English

Tha Duaisean Ceòl Traidiseanta MG ALBA 2012 gu bhith a’ gabhail àite sa Ghearasdan aig an deireadh-sheachdain agus tha Pròbhaist Loch Abar, an Comhairliche Ailean MacEanraig, a’ feitheamh gus fàilte bhlàth Ghàidhealach a chur air gach neach a tha an dùil a bhith an làthair. 

Thuirt e: “Tha Comhairle na Gàidhealtachd air leth toilichte gu bheil 10mh Duaisean Ceòl Traidiseanta Albannach MG ALBA gu bhith a’ tachairt air a’ Ghàidhealtachd, gu h-àraid ann an Loch Abar far a bheil na h-uibhir de luchd-ciùil traidiseanta a’ fuireach agus ag obair.

“Tha a’ Chomhairle air a bhith a’ cur taic ri ceòl traidiseanta agus oideachadh ann an òrain Ghàidhlig tro Iomairt Chiùil na h-Òigridh agus na Fèisean ionadail, agus tha an taic seo leantainneach.  Tha sinn cuideachd a’ toirt taic ionmhasail do Fhèis Bhlas, agus tha sinn mar-thà ag ullachadh airson fàilte a chur air a’ Mhòd Nàiseanta nuair a thilleas e gu Prìomh Bhaile na Gàidhealtachd ann an 2014.

“Tha mi air leth toilichte agus moiteil gun tèid againn air taic a thoirt do chuirm a tha cho cliùiteach ann an saoghal Ceòl Traidiseanta na h-Alba.”

Tha a’ Chomhairle a’ cur taic ionmhasail a dh’ionnsaigh cosgaisean a’ chuirm agus cuideachd cosgaisean sponsaireachd Duais an Àite Chruinneachaidh as Fheàrr, a thèid a thoirt seachad oidhche Shathairne aig Ionad Nibheis leis a’ Chomhairliche Dàibhidh Fallows, Cathraiche Comataidh Ionmhais, Taigheadais is Stòrais na Comhairle.

Tha a’ chuirm a’ tachairt aig deagh àm agus a’ Chomhairle dìreach air an dàrna Plana Gàidhlig aice a chur air bhonn, gu h-àraid seach gu bheil a bhith a’ cumail a’ chuirm air Ghàidhealtachd am measg nan gnìomhan comasachaidh a tha sa phlana.

Am-bliadhna, bidh an tachartas air a chumail thairis air dà latha, le inntrigidhean dhan ‘Hall of Fame’ a’ tachairt Dihaoine (7 Dùbhlachd) agus Cuirm nan Duaisean air oidhche Shathairne ann an Ionad Nibheis sa Ghearasdan.

Thuirt Simon Thoumire, a tha a’ cur air dòigh Duaisean Ceòl Traidiseanta na h-Alba: “Tha sinn air leth toilichte a bhith air ais sa Ghearasdan am-bliadhna, a’ comharrachadh 10 bliadhna de Dhuaisean Ceòl Traidiseanta na h-Alba.  Tha na duaisean air a bhith a’ faighinn na h-uibhir de thaic bho luchd-ciùil agus luchd-leantainn bhon Ghàidhealtachd agus tha e sònraichte math a bhith air ais an seo airson, a rèir coltais, a’ chuirm as fheàrr agus as motha a th’ air a bhith againn fhathast.”

Thèid Cuirm nan Duaisean a chraoladh beò bho 9-11f air BBC Alba.  Gheibhear an seanail ann an Alba tro Freeview, agus air feadh Bhreatainn air Sky, Freesat, Virgin Media agus air-loidhne (BBC iPlayer).  Thèid a’ chuirm cuideachd ath-chraoladh eadar an Nollaig agus a’ Bhliadhn’ Ùr. 

CRÌOCH

6 Dec 2012