Cuach na Cloinne 2012 – Cuairtean Deireannach.

Issued by Comunn na Gàidhlig

Read this in English

Coinnichidh sgoiltean bho air feadh Alba sa Ghearastan an ath sheachdain aig Cuairtean Deireannach Cuach na Cloinne 2012. Disathairne 23 Ògmhios, aig 10.30m aig Raon-cluiche Àrd-sgoil Loch Abair.

Tha na Farpaisean Roinneil seachad agus tha fios againn na sgiobaidhean a bhios sna Cuairtean Deireannach. ‘ S iad na sgiobaidhean a bhios a’ cluich sna Cuairtean Deireannach:  Bun-sgoil a’ Bhac; Bunsgoil Lacasdail; Bun-sgoil an t-Iochdair, Bun-sgoil Phort Rìgh; Bun-sgoil Stafainn & Cille Mhoire; Bun-sgoil Chnoc-na-Creige, Baile Dhubhthaich; Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis; Roinn-sgoile Ghàidhlig a’ Ghearasdain; Bun-sgoil Sandbank agus Bun-sgoil Chrois na Cìse.

Thèid cuairtean deireannach Cuach na Cloinne 2012 a chumail air Disathairne 23 Ògmhios, a’ tòiseachadh aig 10.30m aig Raon-cluiche Àrd-sgoil Loch Abair.

Se farpais ball-coise nàiseanta do bhun-sgoiltean Ghàidhlig na h-Alba a th’ ann an Cuach na Cloinne agus chaidh farpais na bliadhna sa a mhaoineachadh le Bòrd na Gàidhlig, Comhairle nan Eilean Siar, Comhairle na Gàidhealtachd agus MG ALBA agus air a chuir air dòigh le Comunn na Gàidhlig.

-crioc-

14 Jun 2012