Sgoilearan a’ gabhail pàirt ann an cur-seachadan cultarail

Read this in English

Chuir sgoilearan na h-àrd-sgoile am Port Rìgh fàilte air deireadh na bliadhna sgoile aca le Meanbh-Fhèis a mhair fad latha, gan cur an sunnd airson an t-samhraidh. 

Chaidh an tachartas a chur air dòigh le Roinn Gàidhlig na h-Àrd-sgoile, le taic bho Bhòrd na Gàidhlig.  Chaidh Fèisean nan Gàidheal fhastadh airson clasaichean a lìbhrigeadh ann an ceòl, dannsa agus dràma dhan a h-uile duine anns an dàrna bliadhna (S2).  Bha na clasaichean airson fileantaich air an cumail sa Ghàidhlig agus bha clasaichean dà-chànanach gan tairgse dhan luchd-ionnsachaidh.  Am measg na bha air a’ chlàr bha oideachadh air an fhìdeig bhig, òrain Ghàidhlig, dràma agus dannsa-ceum, fo stiùir sgioba le Calum MacMhaoilein, Dougie Beck, Aonghas Macleòid, Calum McConnell, Ellen Dhòmhnallach, Debbie NicAoidh agus Tara Rankin.

Thàinig luchd-oideachaidh na Fèise còmhla ri cuid de na sgoilearan feasgar son cuirm le òrain Ghàidhlig, ceòl agus dannsa-ceum a chur air dòigh, agus a bharrachd air sin, gu h-annasach, Bingo tro mheadhan na Gàidhlig!  Gun fhiost’ do na sgoilearan, bha cuireadh air a thoirt do Norrie MacÌomhair, seinneadair a’ chòmhlain ainmeil Mànran, agus chaidh fàilte chridheil a chur air nuair a sheinn e grunn de na h-òrain as ainmeile aig a’ chòmhlan, nam measg Latha Math, a sgrìobh Norrie fhèin, agus a shoirbhich cho math dhan chòmhlan an-uiridh.

Seo an dàrna turas a tha Àrd-sgoil Phortrìgh air a leithid seo de latha a chur air adhart.  Bho chionn ghoirid, ghlèidh an sgoil duais na Gàidhlig ann an Duaisean Nàiseanta Foghlaim na h-Alba aig an Daily Record.
Thuirt Ruairidh Mac a’ Phiocair, Ceannard Roinn na Gàidhlig san sgoil:  “Bha sinn airson tachartas a chur air dòigh far am faigheadh luchd-ionnsachaidh agus fileantaich an aon chothrom pàirt a ghabhail agus tha fìor dheagh latha air a bhith againn.  Bha e follaiseach gun do chòrd e ri daoine agus gun robh iad ro dheònach a dhol an sàs sna clasaichean agus sa chuirm.  Chaidh aig an luchd-oideachaidh air na clasaichean a thairgse aig diofar ìrean a rèir comas na cloinne.  Tha sinn air leth taingeil airson taic Bòrd na Gàidhlig agus do dh’Fhèisean nan Gàidheal airson  luchd-oideachaidh agus gach nì a tharraing ri chèile ann an dòigh cho tlachdmhor.  Seo an dàrna Meanbh-Fhèis agus tha sinn an dòchas, le taic bho na buidhnean eile, gun lean sinn oirnn agus gun tèid a’ Mheanbh-Fhèis a stèidheachadh mar thachartas bliadhnail.”

Thuirt Art MacCarmaig, Ceannard Fèisean nan Gàidheal, gun robh e air leth toilichte gum b’ urrainn don bhuidheann taic a chumail ri tachartasan cultarail ann an sgoiltean.  Thuirt e: “Mar phàirt de na cùmhnantan a th’ againn le Bòrd na Gàidhlig, Iomairt na Gàidhealtachd agus nan Eilean agus Alba Chruthachail, tha sinn gu bhith a’ co-obrachadh le Iomairtean Gàidhlig ionadail.  Tha na sgoiltean aig cridhe gach coimhearsnachd.  Tha planaichean againn mar bhuidheann airson seirbheis iomairt ealain tro fhoghlam fo bhratach Fèisgoil.  Dh’fhaodamaid leithid Meanbh-Fhèis Phort Rìgh a lìbhrigeadh ann an sgoil sam bith air feadh na dùthcha agus bhiodh sin a’ cuideachadh le bhith a’ lìbhrigeadh amasan a’ Churaicealaim airson Sàr-mhaitheis cho math ri amasan a’ Phlana Cànain Nàiseanta Gàidhlig a chaidh fhoillseachadh an-diugh.  Tha na tha sinn a’ tairgse a’ cur ri foghlam Gàidhlig ann a bhith a’ toirt deagh chothroman do dh’òigridh an cuid Ghàidhlig a chleachdadh ann an suidheachaidhean neo-fhoirmeil. Tha na Meanbh-Fhèisean cuideachd fìor tharraingeach do luchd-ionnsachaidh, a’ fosgladh sùilean agus cluasan chloinne do shaoghal na Gàidhlig, ann an cuide de shuidheachaidhean airson a’ chiad uair.”

-crioc-

28 Jun 2012