Plana Cànain Nàiseanta Gàidhlig a’ cruthachadh tuilleadh chothroman cosnaidh do luchd-teagaisg

Issued by Bòrd na Gàidhlig 

Read this in English

Tha an dàrna Plana Cànain Nàiseanta Gàidhlig a chaidh a dheasachadh do Riaghaltas na h-Alba le Bòrd na Gàidhlig, a’ toirtprìomhachas do fhoghlam sgoile agus ro-sgoile còmhla ri gnìomh coimhearsnachd gus an àireamh de luchd-labhairt na Gàidhlig ann an Alba a mheudachadh thar nan còig bliadhna a tha romhainn. 
 
Bidh prìomh àite aig Bòrd na Gàidhlig ann an co-òrdanachadh le buidhnean eile planadh agus cur an gnìomh ro-innleachd foghlaim luchd-teagaisg do thidsearan Gàidhlig. Tha seo a’ gabhail a-steach ciad foghlam luchd-teagaisg, taic do thidsearan a tha a’ teagasg tro mheadhan na Beurla ach aig a bheil ùidh ann an gluasad gu foghlam tro mheadhan na Gàidhlig agus taic do thidsearan a tha anns an t-siostam Ghàidhlig cheana. Ged is e prìomh thargaid a’ Phlana an àireamh de chloinn ag inntrigeadh Prìomh a h-Aon ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a dhùblachadh thar còig bliadhna, thathar a’ sùileachadh fàs anns na h-àireamhan ag inntrigeadh Gàidhlig tron iomairt Gàidhlig sa Bhun-sgoil (GLPS), a thuilleadh air meudachadh anns na h-àireamhan a’ leantainn le Gàidhlig tro fhoghlam Àrd-sgoile an dà chuid ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig agus foghlam luchd-ionnsachaidh. Bidh feum aig an dà sheòrsa leasachaidh air meudachadh cudromach anns na h-àireamhan de thidsearan Gàidhlig.
 
A’ foillseachadh an dàrna Plana Cànain Nàiseanta Gàidhlig aig Riaghaltas na h-Alba an-diugh (Diardaoin 28 Ògmhios) ’s e a’ tadhal air Bun-sgoil Stenhouse ann an Dùn Èideann a tha air gabhail gu dùrachdach ri iomairt GLPS, thuirt Ministear airson Ionnsachadh, Saidheans agus Cànanan Alba an Dtr Alasdair Allan: “Tha an dà chuid feum agus cothrom air tuilleadh thidsearan Gàidhlig a thrèanadh mu choinneamh an iarrtais bho àireamhan sgoilearan a’ sìor mheudachadh, is tha am Plana Nàiseanta a’ toirt aire dhan seo. Tha am Plana ùr seo a’ moladh cheumannan bunasach ach comasach an coileanadh gus cuideachadh leis a’ Ghàidhlig a chumail suas sna bliadhnaichean a tha romhainn, a’ gabhail a-steach iarrtasan air an àireamh chloinne a’ dol tro fhoghlam tro mheadhan na Gàidhlig a dhùblachadh.  Tha amasan Bòrd na Gàidhlig  a-nis soilleir airson na bliadhnaichean romhainn  agus tha mi misneachail tron phlana seo gun urrainn dhaibh gluasad gu tràth theachdail sheasmhachd don chànan an Alba.”
 
Tha feum air bun-structair foghlam is ionnsachadh Gàidhlig a neartachadh san fharsaingeachd le bhith a’ cur taic ri trusadh sgioba-obrach mhisneachail le trèanadh buntainneach mar sheirbheiseachadh mu choinneamh leudachadh air foghlam Gàidhlig. Còmhla ri cuideachadh bho Righaltas na h-Alba, Ùghdarrasan Ionadail agus aitreabhan foghlaim adhartach, bidh am Bòrd a’ cur taic ri iomairtean gus an raon de chùrsaichean a mheudachadh a tha rim faotainn leothasan a tha airson a dhol a theagasg, no a tha airson gluasad gu teagasg Gàidhlig no teagasg tro mheadhan na Gàidhlig. Gu làithreach, tha am Bòrd a’ cur sgrùdadh an gnìomh gus an àireamh de thidsearan a dhaingneachadh a bhios a dhìth aig diofar ìrean foghlaim ann an sgìrean nan Ùghdarrasan Ionadail.
 
Thuirt Cathraiche Eadar-amail Bòrd na Gàidhlig, Ealasaid Nic an t-Saoir: “Tha Bòrd na Gàidhlig dealasach a thaobh làn-aire a thoirt do thrusadh, gleidheadh, foghlam, taic agus leasachadh air luchd-teagaisg foghlam tro mheadhan na Gàidhlig agus foghlam luchd-ionnsachaidh. Tha e na theisteanas do bhliadhna de dh’obair chruaidh gu bheil sinn comasach air fàilte a chur air foillseachadh Plana Cànain Nàiseanta Gàidhlig na Gàidhlig 2012 – 2017. Bu mhath leam taing a thoirt dhaibhsan uile aig an robh pàirt ann an cruthachadh a’ Phlana bhon toiseach gu ìre na co-chomhairle fhoirmeil ann an deasachadh a’ Phlana. Às aonais an cuid eòlais agus an cur-a-steach ’s dòcha nach robh am Plana air a bhith cho èifeachdach agus a tha mi cinnteach a bhios e. Chan urrainnear a dhol às àicheadh gu bheil sinn agamas àrd ach tha sinn a’ cur fàilte air an dùbhlan agus tha sinn an dòchas gum bi sinn comasach tron Phlana air cànan is cultar na Gàidhlig a neartachadh, gu buannachd dùthaich na h-Alba air fad.”
 
Chuir Ceannard Chomhairle na Gàidhealtachd, an Comhairliche Drew Hendry, meal-an-naidheachd air Bòrd na Gàidhlig agus iad air Plana Cànain NàiseantaGàidhlig 2012-17 – ‘Fàs is Feabhas’ a leasachadh.  Thuirt e: “Tha am Plana Nàiseanta ag amas air builean deimhinnte, ro-innleachdail, le gnìomhan air dòigh ann an raointean far a bheil cothrom àireamhan luchd-ionnsachaidh agus luchd-labhairt na Gàidhlig a thoirt am meud.  Am measg nan raointean farsaing tha a’ Ghàidhlig san Dachaigh, sna Tràth-bhliadhnaichean agus ann am Foghlam, agus cuideachd bidh buaidh chudromach aig a’ Ghàidhlig sna h-Ealain agus sna Meadhanan, agus ann an earrannan an Dualchais agus na Turasachd.”
 
Thuirt an Comhairliche Hendry cuideachd: “Bho chionn ghoirid, dh’aontaich Comhairle na Gàidhealtachd an Dreachd Dàrna Plana Gàidhlig aice fhèin airson nan ceithirbliadhna air thoiseach, agus tha sinn a’ coimhead air adhart ri bhith ga chur an gnìomh cho luath ’s a ghabhas agus làimh ris a’ Phlana Nàiseanta adhartach seo.  Tha na cuspairean ro-innleachdail ann am Plana na Comhairle air an co-thaobhadh ri builean a’ Phlana Nàiseanta agus mar sin bha e cudromach gun robh cothrom aig a’ phoball beachd a thoirt seachad air na cuspairean aig sreath choinneamhan co-chomhairleachaidh a chumadh air feadh na Gàidhealtachd.  Tha am Plana Cànain Nàiseanta Gàidhlig agus Plana Gàidhlig na Comhairle nan sàr-eisimpleirean den chleachdadh as fheàrr agus de dh’obair chom-pàirteach eadar bhuidhnean.  Tha a’ Chomhairle den bheachd gun lean iad air adhart gu bhith a’ cumail suas agus ag àrdachadh àireamhan luchd-labhairt na Gàidhlig sna bliadhnaichean air thoiseach.”
 
Ged a thathar a’ toirt prìomhachas do dh’ionnsachadh na Gàidhlig anns na Tràth-Bhliadhnaichean agus Foghlam gus na h-àireamhan de luchd-labhairt na Gàidhlig a mheudachadh, tha am Plana a’ cur cuideam air cleachdadh na Gàidhlig ann an coimhearsnachdan agus le Ùghdarrasan Poblach.
 
Cuideachd a’ cur fàilte air foillseachadh a’ Phlana, thuirt Neach-gairm Bòrd Poilis a’ Chinn a Tuath, Tormod M. MacLeòid: "Mar Neach-gairm Bòrd Poilis a’ Chinn a Tuath, tha mi air leth toilichte taic a chur ri Bòrd na Gàidhlig agus ris an dàrna Plana Cànanin Nàiseanta Gàidhlig. Tha am Bòrd air targaidean soilleir a shuidheachadh airson cumailsuas agus leasachadh na Gàidhlig is an àireamh de luchd-labhairt na Gàidhlig. Tha taic agus dealas Bòrd na Gàidhlig air ceadachadh do Phoilis a’ Chinn a Tuath ‘Acfhainn Gàidhlig’ air-loidhne a leasachadh do ar luchd-obrach gus am mothachadh agus an tuigse don Ghàidhlig a mheudachadh agus tha sinn gu làithreach ag obair a dh’ionnsaigh ar Plana Gàidhlig fhìn a chur a-steach chun a’ Bhùird, a’ mìneachadh ar planaichean airson àite na Gàidhligh a neartachadh ’s aleasachadh an taobh a-staigh Roinn Poilis a’ Chinn a Tuath.”
 
DEIREADH

28 Jun 2012