Comataidh Gàidhlig na Comhairle a’ moladh gun tèid gabhail ris a’ Phlana Ghàidhlig

Read this in English

An-diugh (Diardaoin 8 Màrt) dh’aontaich Comataidh Gàidhlig Chomhairle na Gàidhealtachd gun deidheadh Dàrna Plana Gàidhlig na Comhairle a mholadh airson aonta bhon Làn Chomhairle air 5 Giblean 2012.

Tha Plana Gàidhlig 2012-16 a’ mìneachadh amasan agus mòr-mhiannan na Comhairle a thaobh na Gàidhlig airson nan ceithir bliadhna a tha romhainn agus a’ toirt fiosrachadh mionaideach air na dòighean san tèid an coileanadh.  Chan eil am Plana ùr seo a’ dol an àite Plana Gàidhlig 2007-11, ach tha e a’ togail air soirbheasan agus coileanaidhean leantainneach na Comhairle ann a bhith a’ toirt fàs air a’ Ghàidhlig.

Tha còig cuspairean sa Phlana, agus tha iad uile a’ cur ri bhith ag àrdachadh àireamh luchd-labhairt na Gàidhlig.  Tha na cuspairean a’ co-thaobhadh ri raointean a’ Phlana Nàiseanta a tha Bòrd na Gàidhlig a’ leasachadh an-dràsta.  Is iad na Cuspairean – A’ Ghàidhlig san Dachaigh agus sa Choimhearsnachd; A’ Ghàidhlig ann am Foghlam; A’ Ghàidhlig sna h-Ealain, sna Meadhanan agus ann an Dualchas; A’ Ghàidhlig san Àite-obrach agus A’ Ghàidhlig ann an Leasachadh Eaconamach.

Thuirt Sheumais Friseal, Cathraiche Comataidh na Gàidhlig, “Tha mi fìor thoilichte gu bheil a’ Chomhairle air dàrna Plana Gàidhlig a leasachadh, agus tha mi moiteil às na tha sinn air a dhèanamh ann a bhith a’ neartachadh a’ chànain thar foghlam, seirbheisean poblach, agus cuideachd ann an tachartasan agus iomairtean a bhios a’ cur ri mathas foghlaim, cultarach agus eaconamach na Gàidhealtachd.

“Tha sinn air co-chomhairle fharsaing a chumail leis a’ phoball agus tha sinn air bùithtean-obrach a chumail do Bhuill uile na Comhairle mun dreachd Phlana Gàidhlig.  Chaidh na beachdan a fhuair sinn fhilleadh a-steach dhan a’ Phlana.”
Tha dealas aig a’ Chomhairle àireamh luchd-labhairt na Gàidhlig a mheudachadh agus ìomhaigh na Gàidhlig a neartachadh gu mòr.  Gus na miannan seo a choileanadh bidh amas làidir air gnìomhan do dhaoine òga agus do theaghlaichean, gu h-àraid ann am Foghlam, agus san Dachaigh is sa Choimhearsnachd.  Thèid cleachdadh agus ìomhaigh na Gàidhlig àrdachadh cuideachd taobh a-staigh Seirbheisean na Comhairle agus thèid obair a dhèanamh còmhla ri buidhnean com-pàirteach thar nan Ealan, nam Meadhan, Dualchas agus Leasachadh Eaconamach  gus a’ Ghàidhlig a neartachadh is a thogail.  Bidh a’ Chomhairle cuideachd ag obair gus dèanamh cinnteach gu bheilear a’ gabhail aire do mhath na Gàidhlig taobh a-staigh a meud-buaidh, a’ gabhail a-steach a’ Chom-pàirteachais Dealbhaidh Coimhearsnachd, agus na h-ìrean as fharsainge san Riaghaltas agus thar sin.

Thuirt An Comhairliche Sandy Park, Neach-gairm Chomhairle na Gàidhealtachd:  “Nuair a chuir sinn am Plana Gàidhlig againn air bhog ann an 2008 bha sinn moiteil gura sinn a’ chiad bhuidheann phoblach ann an Alba a rinn sin.  Bhon àm chudromach sin tha sinn air obair mhòr a dhèanamh gus na miannan sin a thoirt gu bith.  Tha sinn a’ faicinn a bhith a’ brosnachadh inbhe agus cleachdadh na Gàidhlig mar phrìomhachas agus mar Chomhairle tha dealas againn do bhith a’ brosnachadh cànan agus cultar na Gàidhlig.

“Tha mi toilichte gun do mhol a’ Chomataidh Ghàidhlig gun deidheadh gabhail ris an dàrna Plana againn.  Tha seo a’ daingneachadh an dealais againn às ùr agus a’ toirt cothrom dhuinn amas air prìomh raointean, a’ gabhail a-steach foghlam, a’ choimhearsnachd, na h-ealain agus cultar.  Tha am Plana stèidhichte air a’ phrionnsapal gu bheilear a’ toirt urram co-ionann dhan a’ Ghàidhlig agus dhan a’ Bheurla agus ann a bhith a’ dèanamh seo tha sinn ag aithneachadh gu bheil a’ Ghàidhlig na pàirt riatanach de bheatha anns a’ Ghàidhealtachd.”

A’ CRÌOCHNACHADH

 

 

9 Mar 2012