Comhairle na Gàidhealtachd a’ toirt taic do Dhuaisean FilmG 2012
Aig Duaisean FilmG MG ALBA 2012 a chumadh ann an Glaschu oidhche Haoine (9 Màrt), b’ i Òrla Nic Choinnich Ní Eadhra a choisinn an duais ann an earrainn a’ chluich as fheàrr, a tha air a sponsaireachd le Comhairle na Gàidhealtachd. Bha Órla san fhilm “Deòir Shona.”
Bha an Comhairliche Sheumais Friseal, Cathraiche Comataidh Gàidhlig na Comhairle, aig na duaisean gus meal a naidheachd a chur air Órla.
Thuirt Órla: “Tha mi uabhasach toilichte. Taing mhòr don a h-uile duine a thug taic dhomh le seo, gu h-àraidh Mamaidh agus an stiùiriche Ro Goodwin. Taing cuideachd do Chomhairle na Gàidhealtachd airson an duais is an urram a tha seo.”
Tha Órla ann an Clas 3 aig Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis, agus bidh i a’ dèanamh dràma sa Ghàidhlig gach seachdain còmhla ri Ruairidh MacNeacail fo sgiath Fèis a’ Bhaile.
Am measg nan sgoiltean a ghabh com-pàirt ann am bùithtean-obrach trèanaidh le FilmG eadar Sultain agus Dùbhlachd 2011 gus eòlas fhaighinn air a bhith a’ leasachadh sgeulachd, filmadh agus gearradh, bha Àrd-sgoil Àird nam Murchan, Acadamaidh Inbhir Pheofharain, Àrd-sgoil Gheàrrloch, Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis, Àrd-sgoil Mhalaig, Acadamaidh Allt a’ Mhuilinn, Àrd-sgoil a’ Phluic, Àrd-sgoil Phort Rìgh, Acadamaidh Rìoghail Bhaile Dhubhthaich agus Àrd-sgoil Ulapuil.
Ann an earrainn 12 – 17 nan duaisean FilmG choisinn na sgoiltean Gàidhealach a leanas àite air a’ gheàrr-liosta:
Chaidh Kaitlin Hutchison bho Àrd-sgoil Àird nam Murchan agus Rachel Kellow bho Acadamaidh Inbhir Pheofharain a mholadh airson a’ chluich as fheàrr, agus choisinn Jamie Caimbeul bho Àrd-sgoil Phort Rìgh àite air a’ gheàrr-liosta airson a’ chluich as fheàrr.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu FilmG 2012 faic www.filmg.co.uk
-crìoch-