Sgoil choille tron Ghàidhlig a’ coinneachadh airson a’ chiad uair aig Obar Itheachan, Loch Nis

Read this in English

Bha 11 sgoilear bho Bhun-sgoil Ghlinn Urchadain air bhioran nuair a thòisich iad air pròiseact ùr anns a’ choille airson sia seachdainean.

Thòisich Cairistìona NicMhathain (bho Leabharlann Ghlinn Urchadain) agus Mòrag NicDhòmhnaill (bho Fèis Rois)  air a’ phròiseact seo oir bha iad ag iarraidh sgilean Gàidhlig a leasachadh ann an dòigh a bha inntinneach airson nan sgoilearan agus a’ teagasg sgilean feumail dhaibh airson na coille cuideachd.

Bha iad ag obair còmhla ri Urras Coille Obar Itheachain agus Bun-sgoil Ghlinn Urchadain gus seo a dhèanamh.  Chòrd e ris a h-uile duine a bhith ag ionnsachadh mu bheathaichean eadar-dhealaichte a tha a’ fuireach anns a’ choille agus a bhith a’ togail thaighean eadar-dhealaichte airson nam beathaichean.  Bha iad a’ coimhead air biastagan beaga agus bha a h-uile duine toilichte nuair a chunnaic iad Seumas, an losgann beag sgoinneil! 

Thuirt Miss Green (an tidsear): “Bha e dìreach sgoinneil, agus chòrd e ris a h-uile duine.  Bha na sgoilearan air bhioran fad na h-ùine agus dh’ ionnsaich iad tòrr mu dheidhinn na coille agus nam beathaichean. Tha mi ’n dòchas gum bi taic-airgid ann airson pròiseactan eile mar seo anns an àm ri teachd!”

Air Diardaoin bidh Drew Hendry a’ toirt seachad teisteanas sònraichte dha gach sgoilear anns a’ choille.

Thuirt an Ceannard Hendry: “Tha sinn air àrdachadh cunbhalach fhaicinn ann an ùidh sna sgoiltean coille agus na cleasan aca, ach seo a’ chiad uair a chaidh sgoil choille a lìbhrigeadh tron Ghàidhlig.  Tha mi moiteil às a h-uile duine a tha na lùib – tidsearan, ceannardan na sgoile coille agus Urras Coille Obar Itheachain nam measg.  Tha mi cuideachd a’ cur fàilte air a’ phròiseact seo a tha gu follaiseach a’ toirt taic dhan dealas a tha a’ Chomhairle a’ nochdadh sa Phrògram aice a thaobh a bhith a’ toirt co-ionnanachd spèis dhan a’ Ghàidhlig agus dhan a’ Bheurla, fhad ’s a thathar ag aithneachadh an iomadachd a th’ ann am measg chànanan agus dhual-chainntean taobh a-staigh sgìre na Gàidhealtachd.”

-crìoch-

3 Oct 2012