A’ Chomhairle a’ daingneachadh a dealais a thaobh na Gàidhlig
’S i Comhairle na Gàidhealtachd a’ chiad ùghdarras ann an Alba a tha air gabhail ri dàrna Plana Gàidhlig (2012-2016). Tha seo a’ daingneachadh a suidheachadh mar phrìomh ùghdarras na h-Alba ann a bhith a’ neartachadh agus a’ brosnachadh cànan agus cultar na Gàidhlig.
Chaidh am plana, a tha a’ togail air soirbheas a’ chiad Phlana Ghàidhlig (2007–2011) aontachadh bho chionn ghoirid le Bòrd na Gàidhlig agus Riaghaltas na h-Alba agus tha e a-nis na sgrìobhainn bheò le aonta reachdail.
Thuirt an Comhairliche Sheumais Friseal, Cathraiche Comataidh Buileachaidh Gàidhlig na Comhairle: “Brosnaichidh am plana seo a’ Ghàidhlig ann am foghlam, san dachaigh, ann an coimhearsnachdan agus san àite-obrach.
“Tha mi cuideachd an dòchas gum beairtich is gum brosnaich am plana seo cultar uasal na Gàidhealtachd, agus tron bhrosnachadh sin, gun toir am plana spionnadh do mhathas eaconamach na Gàidhealtachd.”
Thèid am plana a bhuileachadh le Buidheann Buileachaidh na Gàidhlig.
Lean an Comhairliche Friseal air adhart: “Tha mi ag earbsa gun urrainn dhuinn leantainn air adhart ag obair còmhla le deagh dhàimh gus dèanamh cinnteach gun soirbhich leis an dàrna Plana Gàidhlig seo. Tha sinn airson coinneachadh ri mòr-mhiannan Plana Cànain Nàiseanta na Gàidhlig agus Riaghaltas na h-Alba ann a bhith a’ daingneachadh àm ri teachd a’ chànain againn do ghinealaichean san àm ri teachd air feadh na Gàidhealtachd agus nan Eilean.”
-Crìoch-