Foghlam Gàidhlig air a’ Mhapa
Chuir An Comhairliche Sheumais Friseal, Cathraiche Buidheann Buileachaidh na Gàidhlig aig Comhairle na Gàidhealtachd, an-diugh air bhog mapa air-loidhne a tha a’ sealltainn far a bheil a’ Chomhairle a’ solarachadh Foghlam Gàidhlig ann an Sgoiltean-àraich is Cròileagain, agus ann am Bun-sgoiltean is Àrd-sgoiltean.
Thathar a’ cur fàilte air a’ mhapa, a tha a’ cur ri goireasan fiosrachaidh poblach na Comhairle. Bidh e gu h-àraid feumail do phàrantan, an dà chuid sa Ghàidhealtachd agus dhaibhsan a tha a’ beachdachadh air gluasad chun na Gàidhealtachd, gus faicinn, le buille dhan t-sùil, far a bheil Foghlam Gàidhlig ri fhaotainn.
Tha am mapa air-loidhne a’ sealltainn far a bheil Sgoiltean-àraich is Cròileagain Ghàidhlig stèidhichte, an dà chuid ionadan Comhairle agus com-pàirteach, agus thathar cuideachd a’ sealltainn cia mheud leanabh a tha a’ frithealadh gach ionad.
Tha am mapa a’ sealltainn nan sgìrean far a bheil solar Bun-sgoile Gàidhlig suidhichte, an àireamh chloinne a tha a’ frithealadh, agus na h-Àrd-sgoiltean Co-cheangailte far a bheilear a’ teagasg na Gàidhlig.
Tha an stòras cuideachd a’ comharrachadh solar Àrd-sgoile, a’ gabhail a-steach an àireamh sgoilearan a’ dèanamh chuspairean tro mheadhan na Gàidhlig, iadsan a tha a’ dèanamh na Gàidhlig mar luchd-labhairt fileanta, agus iadsan a tha a’ dèanamh na Gàidhlig mar luchd-ionnsachaidh.
Dhaibhsan aig a bheil ùidh ann a bhith ag ionnsachadh na Gàidhlig sa choimhearsnachd aca, taobh a-muigh foghlam foirmeil 3-18, tha seòladh post-d far am faigh iad fiosrachadh mu chlasaichean Gàidhlig no cleasan Gàidhlig san fharsaingeachd ann an coimhearsnachdan.
Thuirt an Comhairliche Sheumais Friseal, Cathraiche Buidheann Buileachaidh na Gàidhlig: “’S e goireas fìor mhath a tha seo agus tha mi cinnteach gur e inneal luachmhor a bhios ann dhan a’ phoball agus do phàrantan. Tha am fiosrachadh mun àireimh sgoilearan anns gach àite cuideachd a’ sealltainn dealas na Comhairle a thaobh Foghlam Gàidhlig. Tha sinn toilichte seirbheis ùr a thoirt seachad le bhith a’ toirt fiosrachadh do phàrantan mu far a bheil solar Gàidhlig an-dràsta, a’ toirt cothrom do chloinn foghlam dà-chànanach fhaighinn tro Fhoghlam Gàidhlig.”
Tha am mapa air-loidhne cuideachd a’ cur ri Plana Gàidhlig na Comhairle a tha ag amas air solar Foghlam Gàidhlig a chruthachadh is a chumail suas ann an dòigh a bhios seasmhach agus gun bhriseadh, bho Ro-sgoil gu Bun-sgoil agus air adhart gu Àrd-sgoil. Tha seo a’ leasachadh bun-stèidh làidir airson foghlam, cànan agus cultar na Gàidhlig, ann an lìonradh sgoiltean a tha air an suidheachadh gu ro-innleachdail air feadh sgìre na Gàidhealtachd.