Spòrs Nollaige sa Ghàidhlig sa Ghearasdan

Read this in English

Chaidh tachartas ‘Spòrs Nollaige’ a chumail madainn Disathairne ann an Talla Eaglais Naomh Anndra sa Ghearasdan.  Bha làimh-chiùird agus ceòl ann a chòrd gu mòr ris na pàrantan is na pàistean bho bhuidhnean Gàidhlig ann an sgìrean a’ Ghearasdain, Drochaid Ruaidh agus Àird Ghobhar.

Thug an tachartas cothrom do phàrantan a tha a’ beachdachadh air Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig tighinn còmhla agus spòrs is geamaichean Nollaige a mhealtainn fhad ’s a bhathar a’ cur eòlas air buannachdan dà-chànanais.
Bha cothrom aig pàrantan coimhead air goireasan a bha buidhnean leithid Comhairle na Gàidhealtachd air a dhèanamh. Chuir a’ Chomhairle agus Bòrd na Gàidhlig an tachartas air dòigh agus bha oifigearan bhon dà bhuidhinn an làthair aig an tachartas gus comhairle mu Fhoghlam tro Mheadhan na Gàidhlig a thoirt do phàrantan.

Ghabh a’ chlann com-pàirt ann an iomadh tachartas spòrsail, a’ gabhail a-steach òrain is geamaichean ràitheil agus bha deochan is bèicearachd an taighe rim faotainn cuideachd.

Thuirt an Comhairliche Sheumais Friseal, Cathraiche Buidheann Buileachaidh na Gàidhlig, “Tha mi fìor thoilichte gun robh Spòrs Nollaige cho soirbheachail oir tha e cudromach gu bheil cothrom aig pàrantan fiosrachadh fhaighinn mu na buannachdan a tha an lùib dà-chànanais tro Fhoghlam tro Mheadhan na Gàidhlig, agus fios fhaighinn mun taic is mu na goireasan a tha rim faotainn do phàrantan, an dà chuid gus clann a chuideachadh le obair-dachaigh agus gus a’ Ghàidhlig ionnsachadh.”

Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh bho:
Mairead Mulholland, Oifigear Ionnsachadh agus Leasachadh Coimhearsnachd (Gaidhlig – Deas) aig: margaret.mulholland@highland.gov.uk

 

 

11 Dec 2013