£3m le obair a’ tòiseachadh ann an 2015

Read this in English

Gheibh Comhairle na Gàidhealtachd £3m thar dà bhliadhna airson Sgoil Ghàidhlig ùr a thogail ann am Port Rìgh, dh’ainmich am Ministear airson Cànain na h-Alba, Alasdair Allan an-diugh.

Bidh £250,000 a bharrachd a’ dol gu ionnsachadh Gàidhlig anns na tràth bhliadhnaichean airson an àireamh de sgoilearan a’ dol tro foghlam Gàidhlig (FTG) a bhrosnachadh gu cunbhallach air agus misneachd a thoirt do phàrantan foghlam dà-chànanach a thaghadh.

Bha an Dotair Allan a’ tadhal air làrach an sgoil ùr, a tha na chomharra de dh’adhartas ann am foghlam Gàidhlig, le obair an dùil toiseachadh air an làrach ann an 2015.

Thuirt e:
“ ’S ann air sgàth ’s co-chomhairle farsaing agus iarrtas bho phàrantan airson foghlam dà-chànanach a tha an sgoil Ghàidhlig ùr gu bhith ann am Port Rìgh. Tha am maoin seo ag aithneachadh gu bheil ùidh airson foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a’ sìor fhàs anns a’ Ghàidhealtachd, agus air feadh na dùthcha, agus tha seo na phàirt de ar dealas gìnealach ùr de luchd-cleachdaidh a bhrosnachadh.

“Bheir an £250,000 airson na tràth bhliadhnaichean taic do chlann òg agus togaidh e air an obair fìor mhath aig Comhairle na Gàidhealtachd a thaobh gnìomhachd a chruthachadh airson daoine a’ chànan a chleachdadh gach latha taobh a-muigh na sgoile.

“Tha sinn air dearbhadh anns a’ bhliadhna a chaidh seachad gur e a bhith a’ tabhann Gàidhlig do dh’òigridh a tha a dèanamh an dìofar as mòtha a thaobh crionadh a’ chànan a thilleadh le figearan bhon chunntas-sluaigh a’ sealltainn àrdachadh anns an àireamh de luchd-cleachdaidh fo aois 20 son a’ chiad uair.
Bha am Ministear cuideachd a’ tadhal air Òsdail Eilginn far am bi na tràth bhlaidhnaichean gus am bi an sgoil deiseal.

Bha na Comhairlichean Drew Millar agus Hamish Friseal, a tha na Chathraiche air Buidheann Gnìomh Gàidhlig na Comhairle, le chèile a’ riochdachadh a’ riochdachadh ùard Eilean a Cheò an làthair an-diugh.

Thuirt Mgr Friseal : “Tha sinn a’ cur fàilte mhòr air an taic seo bho Riaghaltas na h-Alba airson Bun-sgoil Ghàidhlig. Tha an t-Eilean Sgitheanach aig cridhe a’ chànain Gàidhlig anns a’ Gàidhealtachd agus chan eil teagamh sam bith agam gum bi an sgoil ùr ann am Port Rìgh air leth soirbheachail a thaobh luchd-cleachdaidh ùr a neartachadh.”

 

16 Dec 2013