Clach-mhìle chudromach airson Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig ann an Gallaibh

Read this in English

Tha a’ chiad Roinn Bun-sgoile tro Mheadhan na Gàidhlig ann an Gallaibh gu bhith a’ fosgladh aig toiseach an t-seisein sgoile ùir air Dimàirt 20 Lùnastal, a’ toirt spionnadh cudromach dhan chànan san sgìre.

Bidh an roinn stèidhichte ann am Bun-sgoil Mount Pleasant, Inbhir Theòrsa, far a bheil sgoil-àraich ghnìomhach tro Mheadhan na Gàidhlig mar-thà, le 19 leanabh.

Tha seachdnar sgoilearan bhon sgoil-àraich air clàradh ann an Clas 1 agus ’s iad a’ chiad chlas a gheibh oideachadh tro mheadhan na Gàidhlig, fo stiùir na M-uas Gwen Bowie, an tidsear.

Thathar an dùil na h-àireamhan a leudachadh, bliadhna thar bliadhna, agus gum bi cothrom aig na sgoilearan leantainn air adhart ag ionnsachadh tro mheadhan na Gàidhlig ann an Àrd-sgoil Inbhir Theòrsa an ceann seachd bliadhna.

Thuirt Drew Hendry, Ceannard na Comhairle, gun robh fosgladh na bun-sgoile a’ sealltainn gun robh dealas aig a’ Chomhairle do bhith a’ cur na Gàidhlig air adhart tro fhoghlam.

Thuirt e: “’S e fìor dheagh naidheachd a tha seo airson foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig agus dhan a’ chànan ann an Gallaibh.  Tha àireamh fhallain phàrantan airson an cuid chloinne oideachadh tro mheadhan na Gàidhlig, agus tha seo na dheagh chomharra airson an ama ri teachd.  Tha sinn fìor thoilichte fàilte a chur air a’ Bh-uas Bowie chun na sgoile agus, le sruth cunbhalach a’ tighinn a-steach bhon sgoil-àraich, tha sinn a’ coimhead air adhart ri bhith a’ leasachadh an t-solair thar nam bliadhnachan air thoiseach.”

Bha an Comhairliche Sheumais Friseal, Ceannard Buidheann Buileachaidh na Gàidhlig, cuideachd fìor thoilichte mun adhartas shònraichte seo ann an leasachadh Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig sa Ghàidhealtachd.

Thuirt e: “Tha seo a’ daingneachadh amasan sònraichte na Comhairle ann a bhith a’ leasachadh Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig taobh a-staigh a’ Phlana againn.  Tha e soilleir gu bheil sinn a’ tòiseachadh air buannachd fhaicinn bhon àm a chaidh am Mòd Nàiseanta a chumail ann an Inbhir Theòrsa ann an 2010 agus tha pàrantan mothachail mu na buannachdan sònraichte a tha an lùib dà-chànanais.  Tha seo, cuide ri nithean ealain is cultarail eile, a’ faicinn barrachd is barrachd phàrantan ag oideachadh an cuid chloinne sa Ghàidhlig.”

-crìoch-

31 Jul 2013