BLAS 2013 air iteig le eòin bheaga, bargain is cinn latha

Read this in English 

Photo Gallery

Tha roghainn is taghadh gun choimeas aig luchd-leantainn fèis Blas, nis gu bheil an naoidheamh fèis, Blas 2013, air fhoillseachadh.  Chaidh am prògram airson prìomh fhèis Ghàidhlig na Gàidhealtachd a sgaoileadh an-diugh (Diardaoin 13mh), le clàr èibheasach de luchd-ciùil, seinneadairean agus cleasaichean.

Tòisichidh an fhèis air 6 Sultain, a’ maireachdainn fad seachdain chun 14mh agus a-measg na bhios ri fhaicinn tha dà choimisean ùr.  Chaidh am prògram fhoillseachadh aig tachartas ann an Inbhir Nis agus tha fiosrachadh a-nis air làrach-lìn Blas 2013, agus tiocaidean rim faotainn an sin cuideachd.

Tha còrr is 100 tachartas ann am Blas 2013 uile gu lèir, ann an diofar choimhearsnachdan air feadh na Gàidhealtachd.  A-measg nan còmhlan cliùiteach a bhios a’ nochdadh tha Capercaillie, a tha gu bhith a’ comharrachadh 30 bliadhna aig àird an comais.  A bharrachd orra-san, bidh Mànran agus Cruinn a’ gabhail an àird-ùrlair còmhla ri Seamus Begley & Jim Murray.  Tha fèill air litreachas aig Fèis na bliadhna seo cuideachd, agus bidh Comhairle nan Leabhraichean an co-bhuinn ri Blas a’ cur air adhart tachartasan am bliadhna, le Cuairt nam Bàrd iad fhèin a’ dol seachad air clach-mhìle àraid, is 40 bliadhna bhon thòisich an turas far am bi bàird na h-Alba agus Eireann a’ tighinn còmhla agus a’ sgiallaich air feadh na Gàidhealtachd.

Fosglaidh Blas 2013 oidhche Shathairne 6 Sultain ann an Cùirt an Aodainn an Inbhir Nis, leis an dà chòmhlan  Mànran agus Cruinn - James Graham, Fiona Mackenzie, Brian Ó hEadhra agus Rachel Walker – a’ spaidsearachd ann an cuideachd Chòmhlan Cèilidh Chomhairle na Gàidhealtachd, Snas, agus mur a biodh sin fhèin gu leòr, Còisir Ghàidhlig Inbhirpheotharain, a tha snasail gu leòr nan dòigh fhèin.

Bidh dà choimisean ùr aig cridhe na fèise am bliadhna, a bharrachd air cuirm nan Curaidhean, far am bi an ceangal eadar an Cogadh Mòr agus saoghal na camanachd ga chomharrachadh sa Ghearasdan.

Tha Theatar Nàiseanta na h-Alba agus Blas 2013 ann an co-bhuinn ri Urras Nàiseanta na h-Alba a’ cur air adhart Eun Bheag Chanaidh - A Little Bird Blown off Course – air a sgrìobhadh agus a lìbhrigeadh le Fiona J NicChoinnich, le ceòl bho  Dhòmhnall Sheadha.  ‘S ann mu bheatha an t-sàr-eòlaiche dualchais Margaret Fay Seadha a tha Eun Beag Chanaidh, a’ luaidh air a beatha agus na chruinnich i de stòras Gàidhlig.

Bidh an t-eun beag air iteig airson a’ chiad uair aig ionad Chùil Lodair air an 6mh latha dhen t-Sultain agus an uair sin air sgèith feadh na Gàidhealtachd.  Bidh e ri fhaicinn an Uibhist cuideachd mar chomharra air an dàimh a bha eadar Mairead agus an t-eilean sin.  Bidh an oidhche mu dheireadh dhen turas seo ga chumail ann an Canaidh fhèin air 14mh Sultain.

Thuirt Caroline Newall, Stiùiriche Leasachadh Ealantachd a’ Theatar Nàiseanta: “Mar bhuidhinn nàiseanta ealain, tha Theatar Nàiseanta na h-Alba a’ gealltainn taic a chur ri leasachadh agus lìbhrigeadh stuth Gàidhlig aig fìor àrd-ìre airson nan coimhearsnachdan Gàidhlig.  Tha sinn air leth toilichte a bhith a’ fuasgladh chothroman ealain Ghàidhlig traidiseanta gan cur ann an suidheachaidhean theatar ùra agus ‘s e  Eun Bheag Chanaidh a’ chiad oidhirp againn a leithid a dhèanamh thar crìochan àbhaisteach ealain.”  

Anns an dàrna coimisean a thèid fhoillseachadh aig Blas 2013, tha am pìobaire Calum MacCruimein  a’ cur a dhreach fhèin air na ceanglan sònraichte a th’aige tro theaghlach gu ceòl mòr agus canntaireachd.  Ann am Boraraig, bidh Calum  a’ siubhal eadar seann nòs taobh an iar na dùthcha agus seallaidhean ùr-nò air cleachdaidhean àbhaisteach cluiche.  Còmhla ri Calum bidh Eilidh Shaw air an fhidhill, Aonghas MacNeacail air a’ phìob agus fìdeagan, Mischa Nic a’ Phearsain air a’ chlàrsaich agus a’ seinn, an seinneadair Darren MacIlleain, Seumas Lindsay air a’ bhass mhòr agus e fhèin cuideachd a’ seinn, agus Eòghan Mac a’ Phearsain air a’ ghiotar, mandolin, agus a’ seinn.

‘S e co-bhanntachd a th’ann am Blas eadar Fèisean nan Gàidheal agus Comhairle na Gàidhealtachd, a’ bhuidheann as mòtha a tha a’ cur de thaic ris an fhèis.  Thuirt Iar Cheannard na Comhairle, an Comhairliche Daibhidh Alston:  “Tha Blas a’ foillseachadh cho math ‘s a tha ar cleachdaidhean, cultar, cànan agus ceòl agus ga thoirt gu fìor chridhe nan coimhearsnachdan againn.  Chan e a-mhàin gu bheil an fhèis a-nis fìor chudromach ann an clàr cultarail na dùthcha gach bliadhna, ach tha e a’ fuasgladh mòran chothroman do dh’òigridh agus còmhlain ùra san sgìre, a bhith a’ cluich còmhla ri luchd-ealain a tha ainmeil air feadh an t-saoghail.  Bhon chaidh Blas a chur air bhonn ann an 2005, tha a’ Chomhairle air a bhith taiceil.  Tha an fhèis air a dhol bho neart gu neart, a’ tairgse clàr a tha ùr agus tarraingeach son an luchd-amhairc gach bliadhna. Tha a’ cho-bhanntachd againn air misneachd a thogail ann an saoghal a’ chiùil traidiseanta ann an dòigh gu math cruthachail.”

“Bu mhath leam meala-naidheachd a chur air sgioba na fèise airson a’ chlàir a chruthaich iad am bliadhna, le dreach ùr agus eadar-dhealaichte.  Tha mi an dòchas gun tig daoine a-mach nan dròbhan a’ frithealadh na fèise bho Shròn an t-sithein gu Strathaidh, bho Ratharsair gu Resolis ach am faigh iad blas de chultar an Gàidhealtachd, Gàidhlig, ceòl agus ar dualchas, anns a’ bhliadhna iomraiteach seo, Bliadhna Nàdair na h-Alba.”

Thuirt Ceannard Cleachdaidh na Gàidhlig aig Bòrd na Gàidhlig Daibhidh Boag:  “Tha fèis Blas a-nis air a mheas mar fhèis cho cudromach sa th’againn rè na bliadhna ann an saoghal culturach na dùthcha, agus gu dearbh gu h-eadar-nàiseanta.   Tha am Bòrd air leth toilichte a bhith a’ cumail taic rithe a-rithist, an dà chuid ann a bhith a’ brosnachadh agus a’ foillseachadh gach tachartas, agus le bhith a’ cur air adhart gum bi a’ Ghàidhlig aig cridhe gach tachartas mar a bhiodh dùil. 

Tha taic a’ Bhùird cuideachd a’ toirt a’ chothrom do dh’òigridh air feadh na Gàidhealtachd a bhith a’ siubhal na fèise, a’ togail iomhaigh agus aithne na Gàidhlig agus a’ cumail aire nan ginealach ùra air a’ chànan.”

Thuirt Art MacCarmaig, Ceannard Fèisean nan Gàidheal, a tha a’ riaghladh na Fèise, gum biodh cothrom ann do dhaoine am bliadhna tiocaidean a cheannach aig prìsean a bha fàbharach.  Thuirt e:  “Ann a bhith a’ dealbh fèise mar seo, tha e air leth cudromach gu bheil sgioba làidir againn air cùl gnothaich. Bu mhath leam taing a thoirt dhan h-uile neach a bha an sàs anns a’ Bhuidhinn Obrach againn airson a’ chlàir agus Stiùiriche na Fèise fhèin, Donna NicRath.  Bha iad uile sùbailte, dìcheallach, làidir nam beachd agus le èolas agus spriorad nach gabh ceannach.  Tha fhios againn uile cho doirbh ‘s a tha an saoghal eaconamach an dràsta.  Tha tachartasan leithid Blas a’ toirt a’ chothrom do dhaoine beagan spòrs is fealla-dha a leantainn agus blasad fhaighinn de chultar na Gàidhlig aig fìor àrd-ìre.  Seach gu bheil cùisean mar sin riaslach do chuid, bidh sinn a’ tabhann cothrom do dhaoine tiogaidean a cheannach aig prìsean fàbharach ma thèid an ceannach ron 31mh latha dhen ath mhìos. Chomhairlichinn do dhuine sam bith a tha airson tighinn chun na Fèise an cothrom sin a ghabhail

Tha tiocaidean son tachartasan na fèise rim faotainn bho seo a-mach tro
www-blas-festival.com far a bheil làn fhiosrachadh mu na tha a’ tachairt.

CRÌOCH

13 Jun 2013