HIE a’ cur air bhog pròiseact rannsachaidh mòr

Read this in English

Tha Iomairt na Gàidhealtachd ‘s nan Eilean (HIE) a’ stiùireadh pròiseact rannsachaidh an am compàirteachas airson fhaighinn a-mach a bheil a’ Ghàidhlig a’ libhrigeadh fàs air an eaconamaidh agus a’ neartachadh coimhearsnachdan air a’ Ghàidhealtachd agus ann an Alba.

Tha HIE air DC Research air fhastadh airson fiosrachadh mionaideach fhaighinn bho gnìomhachasan, coimhearsnachdan, buidhnean agus iomairtean sòisealta a tha a’ cleachdadh a’ Ghàidhlig mar stòras.

Còmhla ri HIE, tha Bòrd na Gàidhlig, Dualchas Nàdair na h-Alba, Alba Chruthachail, Comhairle na Gàidhealtachd, Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid agus Comhairle nan Eilean Siar an sàs anns an sgrùdadh.

Tha an rannsachadh ag amas air na dòighean as fhèarr Gàidhlig a’ chleachdadh, airson fhaighinn a-mach de na cothroman a dh’ fhaodadh a bhith ann gus barrachd Gàidhlig a chleachdadh mar stòras agus stiùireadh a’ leasachadh air mar is urrainn do HIE taic a thoirt seachad do ùr-gnàthachadh, a’ reic gu eadar-nàiseanta agus a’ leasachadh na diofar roinnean.

Thuirt Dòmhnall MacDhòmhnaill, a tha na bhall air a’ bhùird aig HIE: “Anns an 30 bliadhna a chaidh seachad, tha comharra de fhàs air a bhith ann a’ leasachadh na Gàidhlig agus tha an t-àm ann gus fhaighinn a-mach ciamar ‘s urrainn an comas seo a bhith air a’ leudachadh.”

“Tha HIE ag aithneachadh gu bheil Gàidhlig aig cridhe an t-uamhas de choimhearsnachdan anns an sgìre againn. Bheir an rannsachadh seo sealladh air a bhuaidh a tha aig a’ cleachdadh na Gàidhlig mar stòras air an eaconamaidh, air an gnìomhachasan agus air na coimhearsnachdan agus mar ‘s urrainn dhuinn taic a thoirt dhaibh.”

Tha HIE air taic a thoirt seachad thairis grunn bhliadhnachan do dhiofar bhuidhnean a tha a’ cleachdadh a’ Ghàidhlig mar stòras, leithid Fèisean nan Gàidheal, an foillsichear Acair, an t-Aonad Nàiseanta airson Gàidhlig agus Cultar – Sabhal Mòr Ostaig.

Airson ceithir bliadhna a-nis, tha a’ bhuidheann air a bhith ag obair còmhla ri Comunn Na Gàidhlig tro cunnradh Seirbheisean Gàidhlig. Chaidh taic a thoirt dha 249 gnìomhachasan, coimhearsnachdan agus iomairtean sòisealta anns a bhliadhna a chaidh seachad airson ùr-gnàthachadh, pròiseactan leasachaidh coimhearsnachd agus greis gnìomhachais airson oileanaich.

Thuirt Iain Aonghais MacAoidh, Cathraiche Bhòrd na Gàidhlig: “ ‘Se cothrom math a tha seo airson sgrùdadh a dhèanamh air a’ bhuaidh a tha air a bhith aig a’ Ghàidhlig air an eaconamaidh agus na coimhearsnachdan againn. Bhon rannsachadh a chaidh a dhèanamh mu thràth, tha an t-sluagh air a ràdh gu bheil iad a’ faicinn a’ Ghàidhlig mar phàirt cudromach den chultar agus dualchais na h-Alba. Tha a’ Ghàidhealtachd ‘s nan Eilean na àite sònraichte airson Gàidhlig a’ chleachdadh gu làn chomais tro na h-ealain agus cultar, foghlam agus roinn nam meadhanan. Tha àite aig Gàidhlig anns an àm ri teachd airson ar dùthaich, agus feumaidh rannsachadh a dhèanamh air mar is urrainn sin a bhith nas motha a thaobh an eaconamaidh, a bharrachd air comharran cànanach agus cultarach.”

Thig crìch air an rannsachadh anns an Fhoghar.

-Deireadh-

26 Jun 2013