Soirbheachas ‘Siuthad!’
O chionn ghoirid bha còrr is 100 neach òg an làthair aig tachartas dreuchdan Gàidhlig a bha ag amas air obraichean a bhrosnachadh a’ cleachdadh a’ chànain.
Tharraing tachartas ‘Siuthad!’ sgoilearan bho àrd-sgoiltean air feadh na Gàidhealtachd agus bho Earra-Ghàidheal is Bhòid cuideachd. Thuirt aon sgoilear bho Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis: “Bha e math gun robh cothrom againn com-pàirt a ghabhail.”
Chaidh ‘Siuthad!’ a chumail air 19 den Mhàrt ann an Eden Court agus chaidh a chur air dòigh le Comhairle na Gàidhealtachd ann an com-pàirteachas le Leasachadh Sgilean na h-Alba. Thug e cothrom do dhaoine òga com-pàirt a ghabhail le daoine a bhios a’ cleachdadh na Gàidhlig sna h-obraichean aca.
Bha proifeiseantaich ag obair sna meadhanan, sna h-ealain agus ann an roinn an fhoghlaim a’ gabhail com-pàirt. Bha cothrom aig sgoilearan cuideachd coimhead air litreachas agus prògraman eadar-obrachail TFC a bha a’ taisbeanadh nan cothroman cosnaidh a tha ri fhaotainn ann an teagasg, sna tràth-bhliadhnaichean, ro-sgoil agus slàinte is cùram sòisealta.
Thuirt Sheumais Friseal, Cathraiche Buidheann Buileachaidh na Gàidhlig: “’S e tachartas air leth soirbheachail a bha seo agus bha e follaiseach gun robh cothrom aig sgoilearan coinneachadh ri daoine a bha a’ faighinn cosnadh ann an earrann na Gàidhlig. Thug e cothrom dhaibh cuideachd a’ Ghàidhlig a chluinntinn agus a chleachdadh ann an suidheachadh neo-fhoirmeil fhad ’s a bha iad a’ gabhail com-pàirt ann an tachartasan aig na diofar stàilichean.”
Thuirt sgoilear eile bho Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis: “Bha latha ‘Siuthad!’ sgoinneil agus fiosrachail. Bha an luchd-obrach bho na buidhnean aig na stàilichean air fad glè chuideachail, agus bha am fiosrachadh a thug iad seachad cho inntinneach.”
Bha buidhnean leithid Dualchas Nàdair na h-Alba, Alba Chruthachail, Bòrd na Gàidhlig, Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean agus an NHS cuideachd an làthair.
Bha Seonag Chaimbeul, Manaidsear Sgìre na Gàidhealtachd is nan Eilean aig Leasachadh Sgilean na h-Alba, an làthair agus a’ dèanamh ceangal ris an òigridh.
Thuirt Seonag: “Bha sinn fìor thoilichte gun tug na h-uidhir de phroifeiseantaich seachad an ùine airson a bhith ann air an latha agus an cuid eòlais a cho-roinn leis na daoine òga. Fhuair iad fiosrachadh feumail dha-rìribh mu na diofar roinnean is obraichean agus mun raon farsaing chothroman a leigeadh leotha a’ Ghàidhlig a chleachdadh.
Bha ‘Siuthad!’ cuideachd a’ togail aire am measg na bha an làthair mu cho cudromach ’s a tha e rannsachadh a dhèanamh mu dhreuchdan is tuigsinn mar a dh’fhaodas iad na sgilean aca a chleachdadh taobh a-staigh saoghal na h-obrach a tha daonnan ag atharrachadh.”