A’ Brosnachadh Dreuchdan Gàidhlig agus Cothroman Trèanaidh do dhaoine òga

Read this in English

Tha sgoilearan a bhruidhneas a’ Ghàidhlig a’ faighinn cuireadh gu tachartas a tha ag amas air am brosnachadh gus beachdachadh air cothroman obrach agus trèanaidh a’ cleachdadh a’ chànain.

Cumar an tachartas Dreuchdan Gàidhlig ‘Siuthad!’ a tha Comhairle na Gàidhealtachd agus Leasachadh Sgilean na h-Alba a’ cur air dòigh, ann an Eden Court, Inbhir Nis, air an 19mh den Mhàrt.

Tha còrr is 90 sgoilear bhon dàrna is an treas bliadhna ann an Àrd-sgoiltean na Gàidhealtachd agus bho Àrd-sgoil an Òbain ann an Earra-Ghàidheal is Bhòid an dùil tighinn gu tachartas ‘Siuthad!’ a bhios a’ cur air adhart an raoin chothroman a bhios ri fhaotainn do sgoilearan le Gàidhlig nuair a dh’fhàgas iad an sgoil.
Bidh grunn bhuidhnean an làthair agus bidh luchd-obrach a’ toirt fiosrachadh do na sgoilearan mu na cothroman dreuchdail a th’ ann taobh a-staigh earrann na Gàidhlig. Bidh oifigearan bhon earrainn chruthachail, BBC rèidio is telebhisean MG ALBA nam measg, an làthair cuide ri foillsichearan, eadar-theangairean, proifeiseantaich foghlaim agus eòlaichean thràth-bhliadhnaichean.

A bharrachd air fiosrachadh a thoirt seachad, thathar an dùil gum bi an tachartas spòrsail is gum bi cothrom ann com-pàirt a ghabhail ann an iomadh cleas eadar-obrachail, tro bhùithtean-obrach dràma, bùithtean-obrach sgrìobhaidh, geamaichean, ceisteachain agus iomairtean IT.  Tòisichidh an latha le fàilte bho Phròbhaist Inbhir Nis agus an uair sin bheir Ruairidh MacIlleathain, Tosgaire Gàidhlig 2012-13, seachad taisbeanadh fon ainm ‘Alba – Dùthaich Làn Chothroman / Scotland – A Country Full of Opportunities’.

Chuir An Comhairliche Drew Hendry, Ceannard Chomhairle na Gàidhealtachd, fàilte air a’ chothrom gus an cànan a bhrosnachadh am measg dhaoine òga.  Thuirt e: “Tha dealas againn do bhith a’ brosnachadh cànan agus cultar na Gàidhlig agus tha am Plana Gàidhlig againn a’ mìneachadh ar n-amasan is ar mòr-mhiannan agus, gu cudromach, mar a thèid an toirt gu buil.  Gus seo a dhèanamh, tha sinn ag amas gu làidir air gnìomhan do na daoine òga againn.”
“Tha a bhith a’ toirt taic do dhaoine òga bhon Ghàidhealtachd leis na roghainnean dreuchdail aca bho ìre thràth na phàirt chudromach de bhith a’ stèidheachadh nan slighean a tha iad airson a leantainn.  Bheir tachartas Siuthad! seachad cothrom dhaibh sùil a thoirt air na cothroman a bhios ann nuair a dh’fhàgas iad an sgoil agus an cuideachadh gus co-dhùnadh co-dhiù a chòrdadh dreuchd ann an eaconamaidh na Gàidhlig riutha.”

Lean An Comhairliche Hendry air adhart: “Mar a tha aithisgean rannsachaidh leantainneach air sealltainn, tha sgoilearan dà-chànanach a’ leasachadh raon chomasan inntinneil a tha gan dèanamh nas fheàrr air ionnsachadh agus faodaidh seo dorsan fhosgladh gu iomadh cothrom dreuchdail.

“Tha mi cinnteach gum bi an tachartas soirbheachail agus tha mi a’ cur meal-an-naidheachd air Leasachadh Sgilean na h-Alba airson taic a thoirt dhan Chomhairle gus dèanamh cinnteach gum bi seo buannachdail do na daoine òga a bhios an làthair bho àrd-sgoiltean air feadh na Gàidhealtachd.”

Thuirt Seonag Chaimbeul, Manaidsear Sgìre na Gàidhealtachd is nan Eilean aig Leasachadh Sgilean na h-Alba: “Ann an saoghal na h-obrach a tha a’ sìor atharrachadh, tha e fìor chudromach gu bheil daoine òga a’ togail theisteanasan, a’ leasachadh sgilean agus a’ fàs cho comasach ’s a ghabhas air fiosrachadh a lorg mu dhreuchdan agus chothroman obrach.

“Tha teisteanas sa Ghàidhlig a’ fosgladh dhorsan do raon chùrsaichean is chothroman obrach, gu h-ionadail, gu nàiseanta agus gu h-eadar-nàiseanta.

“Tha e cudromach gu bheil ginealaich san àm ri teachd air am misneachadh, comasach agus deònach an dleastanas aca fhèin ann an ath-bheothachadh na Gàidhlig a chomharrachadh agus aithneachadh gu bheil i na buannachd a thaobh an t-seata sgilean aca.”

Thuirt Ministear Chànanan na h-Alba, An Dr Alasdair Allan BPA: “’S e cothrom air leth a th’ ann an Latha Dreuchdan Gàidhlig gus cothrom a thoirt do sgoilearan tuigse cheart fhaighinn air cho luachmhor ’s a dh’fhaodas cànan a bhruidhneas iad mar-thà a bhith gus obair fhaighinn a tha a’ còrdadh riutha agus a’ tha a’ togail an ùidh.

“Bha mi fortanach tadhal air tachartas mar seo ann an Steòrnabhagh an-uiridh agus bha sin soirbheachail dha-rìribh.  Tha tachartasan leithid seo a’ sealltainn cho beothail ’s a tha a’ Ghàidhlig sna coimhearsnachdan againn agus tha an àireamh luchd-fastaidh a tha a’ gabhail com-pàirt na theisteanas air na dòighean sam faod seirbheisean agus bathar Gàidhlig a bhith buannachdail do ghnothachasan agus don eaconamaidh nàiseanta san fharsaingeachd.  Tha Comhairle na Gàidhealtachd ri moladh airson an cuireadh seo a leudachadh gu sgoilearan às Earra-Ghàidheal is Bhòid agus tha mi an dòchas gum brosnaich an tachartas seo feadhainn eile thar na dùthcha gus an aon chothrom a thoirt do sgoilearan eile.”

Bidh grunn bhuidhnean nàiseanta aig an tachartas cuideachd, nam measg Sabhal Mòr Ostaig/UHI, Dualchas Nàdair na h-Alba, Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean, Poilis a’ Chinn a Tuath, NHS na Gàidhealtachd agus Alba Chruthachail.

CRÌOCH

14 Mar 2013