Sgoilearan agus filmeadairean às a’ sgire ag amas air duaisean nàiseanta film goirid

Read this in English

Tha filmeadairean agus sgoilearan às a’ Ghàidhealtachd air bhoil gus am faigh iad a-mach cò bha soirbheachail ann an t-siathamh farpais nàiseanta de dh’ fhilmichean goirid aig FilmG.

Bhrosnaich cuspair na bliadhna sa “Rùn” beachdan ùra inntinneach, rud a rinn obair nam britheamhan air leth doirbh. Air pannal nam britheamhan bha luchd-proifeasanta bho BhBC ALBA agus a’ ghnìomhachas, nam measg Derek Mac an Tòisich agus tè a bhuannaich a cheana, Elly Welsh.

Thuirt Elly: “Bha e fìor mhath a bhith air pannal nam britheamhan am bliadhna-sa. Às dèidh dhomh fhèin a bhith an sàs san fharpais a cheana tha mi a’ tuigsinn cho fìor chudromach sa tha e a bhith a’ brosnachadh dhaoine agus a’ sireadh tàlant às ùr. Agus bha gu leòr den sin ann am bliadhna. Tha gach film a ràinig ìre geàrr-liosta aig ìre glè mhath agus mholainn-sa dhan a h-uile duine a dhol gan coimhead.”

Air a’ gheàrr liosta airson am Film as Fheàrr le òigridh eadar 12 is 17 tha ‘Droch Run’ le sgoilearan à Àrd Sgoil Ulapuil. ’S e film ghoirid gu math oillteil a tha seo mu bhuidheann de dheugairean a tha dol a champachadh.

Tha Duais ùr san fharpais am bliadhna airson Bhidio Ciùil as Fheàrr. Air a’ gheàrr liosta seo tha Acadamaidh Inbhir Pheofharain leis am film ‘Ailean Dubh às Lòchaidh’, film beag èibhinn air a stèidheachadh air an òran ainmeil far a bheil gaol aig tè òg air Ailean Dubh ge b’ e dè nì e.

Air a’ gheàrr-liosta airson Riochdachadh as Fheàrr agus duais Cuspair FilmG tha am film aig Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis, ‘Saorsa’. Tha seo mu dheidhinn dithis bhràthair a dh’fhalbh aig àm a’ Chogaidh Mhòir. Tha fear aca ga chall aig a’ bhlàir ach tha am fear eile a’ faighinn dhachaigh. Ach nuair a thig gu àm siubhail tha sinn a’ faighinn a-mach gur ann air an Iolaire a bhios e seòladh.

Cuideachd air a’ gheàrr-liosta airson Duais Cuspair FilmG tha buidheann à Àrd Sgoil Loch Abair agus am film ghoirid aca ‘Ard Sgoil Loch Abair-E’. ’S comadaidh dubh a tha seo mu dheidhinn suidheachadh a th’ air èiridh san sgoil far a bheil togalach ùr ga thogail ach nach eil rùm gu leòr ann airson ’s na tha de sgoilearan sa sgoil. Chan eil aca air ach tòiseachadh air na sgoilearan a mhurt! Rud a tha fìor mhath mun fhilm a tha seo ’s e gu bheil na tidsearan Frangach, Spòrs agus Saidheans uile deònach am pàirt fhèin a chluiche – rud a tha toirt neart dhan sgeulachd agus ga dhèanamh nas creidsinniche.

Mar as àbhaist tha sgoilearan Àrd Sgoil Àrd na Murchan air a bhith trang. Tha am film acasan ‘O Mo Dhùthaich’ air a’ gheàrr-liosta airson Riochdachadh as Fheàrr agus bu bheag an t-iongnadh leis cho innleachdach sa bha iad le àitean-filmidh is èideadh. Agus ’s math a b’ fhiach an cuid-saothair is film àlainn aca air a dhèanamh mu bhoireannach òg a chaidh a fuadach bhon chroit aice. Thuirt Hamish Friseal, Cathraiche Buidheann Buileachaidh na Gàidhlig aig Comhairle na Gàidhealtachd, "Tha FilmG na chothrom air leth do dhaoine òga an sgilean cruthachail is cànain a chur an cèill ann a bhith a' cur ri chèile filmichean a ghabhas a shealltainn gu nàiseanta.  Tha mi air leth toilichte gu bheil grunn sgoiltean air Ghàidhealtachd air a' gheàrr-liosta airson feuchainn air Co-fharpais Nàiseanta Ghàidhlig nam Filmichean Goirid." 

Thuirt e cuideachd, "Tha eòlas co-cheangailte ri na h-Ealain, Meadhanan is Dualchas na phàirt chudromach de dh'fhoghlam na h-òigridh agus tha FilmG a' leantainn air adhart le bhith a' cur gu mòr ri lìbhrigeadh a' Churraicealaim airson Sàr-mhathais tro mheadhan na Gàidhlig.  Tha mi a' guidhe gach soirbheachas do gach neach a ghabhas com-pàirt sa cho-fharpais, agus tha a' Chomhairle air leth toilichte a bhith a' cur ainm ris an Roinn Coimhearsnachd de Dhuaisean FilmG." 

Tha na geàrr liostan air fada-nis rim faotainn air loidhne air làrach-lìn FilmG far am faicear cuideachd na filmichean air fad. Thèid an fheadhainn a bhuannaich an ainmeachadh aig Cuirm nan Duaisean a thèid a chumail aig an Seann Fruitmarket ann an Glaschu air 14 Màirt. Cumaibh cluais ri claisneachd airson fios a bharrachd mu thiceadan.

A’ cumail ceòl ri luchd-amhairc nan duaisean am-bliadhna bidh ‘Seo Linn’, còmhlan òg à Èirinn a choisinn cliù dhaibh fhèin an uiridh nuair a thug iad fhèin is sgoilearan à Coláiste Lurgan an dreach fhèin air an òran aig Avicii ‘Wake Me Up’. Sheall còrr math is 3 millean neach air am bhidio air Youtube, agus a bharrachd air sin tha i air ùidh ann an Gaeilge a bhrosnachadh a-measg dheugairean ann an Èirinn agus gu h-eadar nàiseanta.

-Deireadh-

11 Feb 2014