Comhairle na Gàidhealtachd a’ toirt taic do dh’fharpais fiolmaichean goirid Gàidhlig

Read this in English

Tha Comhairle na Gàidhealtachd a’ toirt taic do dh’fharpais fiolmaichean goirid Gàidhlig FilmG 2014 a tha a-nis a’ tighinn faisg air àm dùnaidh na farpais Fosgailte aig meadhan-oidhche air 20 Faoilleach. Tha an luchd-eagrachaidh a’ cur nur cuimhne gu bheil ùine ann fhathast ma tha ùidh agaibh fiolm a dhèanamh agus gu dearbh dheidheadh fàilte a chur air fiolmaichean sam bith a thigeadh a-steach aig a’ mhionaid mu dheireadh.

Thuirt Flòraidh Forrest, Manaidsear a’ Phròiseict: “Tha sinn an dòchas gu bheil a’ mhòr-chuid de na daoine a tha an dùil cur a-steach gu farpais na bliadhna seo a-nis a’ cur crìoch air na fiolmaichean aca, ach is fhiach cuimhneachadh gu bheil fiolmaichean sìmplidh gu math tric ag obrachadh fìor mhath agus cha leig iad leas a bhith toirt ùineachan airson an dèanamh. Chaidh cuid de na fiolmaichean a b’ fheàrr a bh’ againn riamh a dhèanamh thairis air deireadh-sheachdain! Faodaidh fiolmaichean a bhith ann an gnè sam bith ach feumaidh iad a bhith eadar 3 agus 5 mionaidean de dh’fhaid agus ann an Gàidhlig na h-Alba.”

Tha Comhairle na Gàidhealtachd a’ sponsaireachd Duais na Coimhearsnachd. Thuirt an Comhairliche Sheumais Friseal, Cathraiche Buidheann Buileachaidh na Gàidhlig aig a’ Chomhairle: “Tha FILMG a’ toirt cothrom do bhuidhnean coimhearsnachd, daoine fa leth agus sgoiltean gus dòighean innleachdail a leasachadh airson cànan, coimhearsnachd agus na gnìomhachasan cruthachail a thoirt còmhla agus fiolmaichean goirid fìor mhath a dhèanamh.  Mar as trice bidh iad seo a’ nochdadh na sgìre sa bheil com-pàirtichean a’ fuireach, ag obair no a’ cur ùine seachad gu sòisealta. Tha na fiolmaichean, a bhios daoine de gach aois a’ dèanamh, fìor chruthachail is brosnachail.

Lean e air adhart: “Tha mi fìor thoilichte gu bheil na h-uidhir de thagraidhean air tighinn a-steach, gu h-àraid bhon Ghàidhealtachd. ’S e aon de phrìomh ghealltanasan ro-innleachdail Plana Gàidhlig Chomhairle na Gàidhealtachd a bhith a’ brosnachadh nan Ealan, nam Meadhanan agus Dualchas agus sinn ag aithneachadh gu bheil iad a’ cur ri luach agus a’ neartachadh leasachadh cànanach thar gach aois is ginealach sna coimhearsnachdan againn. Tha mi a’ guidhe gach soirbheas do na com-pàirtichean uile.”

Dhùin an fharpais Òigridh 12-17 dìreach ro shaor-làithean na Nollaige agus fhuaireadh 43 tagradh uile gu lèir. Mar as àbhaist, thug na deugairean na fiolmaichean aca air adhart gu ìrean ùra, cuid a’ fàgail raon-cluiche na sgoile gus na fiolmaichean aca a dhèanamh nas coltaiche ri fìrinn. Nam measg bha Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis a rinn am fiolmadh aca air Blàr Chùil Lodair. Thug Àrd-sgoil Àird nam Murchan eich a-steach airson fiolmadh, agus iad a’ dèanamh fiolm eachdraidheil mu bhoireannach a chaidh fhuadach bhon taigh is bhon fhearann aice.

Thairis air na seachdainean air thoiseach thèid na fiolmaichean uile a chur suas air làrach-lìn FilmG agus bidh cothrom aig a’ phoball bhòtadh airson an fheadhainn as fheàrr leotha. Bidh na britheamhan a’ coinneachadh a dh’aithghearr cuideachd gus na geàrr-liostaichean aca a dhèanamh agus thèid luchd-buannachaidh ainmeachadh aig Cuirm Dhuaisean FilmG ann an Glaschu air 14 Màrt 2014.

CRÌOCH

10 Jan 2014